Buaidh nam bìobhairean na buannachd

  • 21 An t-Samhain 2014
Bìobhair Image copyright PA
Image caption Chaidh na bìobhairean a thilleadh o chionn còig bliadhna, 's iad a-nis ag àlachadh.

Tha rannsachadh air an sgeama bhìobhairean ann an Earra-Ghàidheal a' sealltainn gu bheil na beathaichean air buaidh mhòr a thoirt air an àrainneachd.

Chaidh 16 bìobhar a leigeil mu sgaoil timcheal Chnapadail eadar 2009 agus 2010 an dèidh an toirt gu h-Alba bho Nirribhidh.

B' àbhaist bìobharan a bhith bitheanta ann an Alba gus an deach an sealg gu bàs bho chionn mu 400 bliadhna.

Ann an 2009 thòisich oidhirp an tilleadh gu sgìre Chnapadail ann an Earra-Ghàidheal.

Chaochaill dhà de na bìobhairean inbheach gu math aithghearr ach chaidh aig feadhainn eile air ginealach ùr a thogail, agus iad a-niste air iad fhèin a stèidheachadh san sgìre.

Mhothaich luchd-rannsachaidh gu bheil iad air cruth choiltean athararchadh mu thimhceall lochan, agus air ìre aon locha àrdachadh an dèidh dhaibh dam a thogail.

Thuirt oifigear ghnè Dualchas Nàdair na h-Alba, Màrtainn Gaywood, gu bheil iad air barrachd feum na cron a dhèanamh air an àrainneachd, an dèidh coimhead air an dà thaobh.