"Feumaidh pàrantan Gàidhlig ionnsachadh"

  • 19 An t-Samhain 2014
Fionnlagh MacLeòid
Image caption Tha Mgr MacLeòid ag ràdh nach bi cainnt na cloinne farsainn gu leòr gun Ghàidhlig na dachaigh, agus Gàidhlig shòisealta.

Chan eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' soirbheachadh ann a bhith a' cruthachadh ghinealaichean ùra leis a' chànan.

Sin an rabhadh connspaideach a chaidh a thoirt seachad aig Symposium Chànanan Tùsanach anns na Stàitean Aonaichte.

Thuirt Fionnlagh MacLeòid, a bha roimhe a' ruith nan cròileagan, gum feum pàrantan fhèin Gàidhlig ionnsachadh ach am bi i na cànan dachaigh, a bharrachd air dìreach a' chlann a chur dhan sgoil.

Bha Mgr MacLeòid a' toirt seachad òraid aig Symposium nan Cànanan Tùsanach ann an Alberqurque, New Mexico.

Farsainn

Dh'aidich e gun robh e fhèin air an fheadhainn a thug bliadhnaichean ag ràdh ri daoine gun gabhadh an cànan sàbhaladh le clann a chur gu cròileagain is sgoiltean Gàidhlig, ach thuirt e nach eil e den bheachd sin tuilleadh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Fionnlagh MacLeòid ag ràdh gum feum pàrantan fhèin a' Ghàidhlig ionnsachadh, seach an cuid chloinne a-mhàin.

"Bha mise a' bruidhinn ri daoine an t-seachdain a chaidh aig an robh Gàidhlig, chaidh iad tron sgoil, 's Gàidhlig bhrèagha aca," thuirt Mgr MacLeòid.

"Ach chan eil i leathann gu leòr, chan eil i farsainn gu leòr a thaobh Gàidhlig na dachaigh agus a thaobh Gàidhlig an ath-ghinealaich.

"Tha an sgoil ann a thaobh obair. Sin am prìomh adhbhar a tha sgoil ann. Cha robh i ann airson ghnothaichean sòisealta.

"Feumaidh tu Gàidhlig na dachaigh a bhith agad, agus Gàidhlig an teaghlaich, ma tha an ath-ghinealach gu bhith agad a tha gu bhith ga bruidhinn," thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid a' moladh siostam ùr tro an tèid Gàidhlig ionnsachadh do phàrantan mus cuir iad an cuid chloinne chun na sgoile Gàidhlig, no fiù 's mus tèid a' chlann a bhreith.

Sòisealta

Thuirt e ris an symposium gu bheil na mìltean ann an Alba a' toirt bhliadhnaichean a' feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh, ach nach eil iad a' tighinn gu ìre bruidhinn sòisealta.

Tha Mgr MacLeòid airson a dhèanamh soilleir nach ann an aghaidh nan sgoiltean Gàidhlig a tha e idir.

Tha e ag ràdh gu bheil iad bunaideach, agus a' dèanamh an cuid obrach fhèin glè mhath.

"Cha robh sgoil ann a-riamh airson ghnothaichean sòisealta. Bha sin aig an dachaigh," thuirt e.

"Agus 's e an rud a th' againne ri dhèanamh a-rithist, 's e a bhith a' cur ris an sgoil, le gnothaichean sòisealta.

"Chan eil càil ann a tha ceàrr a thaobh na sgoile. 'S e an rud a th' ann gu bheil againn ri tòrr mòr a bharrachd a chur ris.

"Agus daoine a bha a' smaoineachadh - mar a bha mise a' smaoineachadh aig aon àm - gun robh an sgoil math gu leòr leis fhèin, tha a h-uile duine againn a-nis a' tòiseachadh a' faicinn nach urrainn dhut sin a dhèanamh.

"Feumaidh i a bhith san dachaigh. Feumaidh i a bhith am measg an teaghlaich, agus aig a' chloinn," thuirt e.