Plana nan clogaidean an dàrna taobh

  • 18 An t-Samhain 2014
Inbhir Aora is Caol Bhòid Image copyright SNS
Image caption Bhiodh moladh Chinn a' Ghiuthsaich air fàgail gun robh aig a h-uile cluicheadair ri clogaid a chleachdadh air a' cheann thall.

Cha tèid moladh a-niste gu coinneamh bhliadhnail Comann na Camanachd mu chluicheadairean a bhith a' cleachdadh chlogaidean.

Bha Ceann a' Ghiùthsaich air moladh a chur air adhart gum feumadh, bho thoiseach seusan 2015, a h-uile cluicheadair a rugadh air no às dèidh an 1mh den Fhaoilleach 1997 clogaid a bhith orra aig gach ìre den spòrs.

Fo na laghan a th' ann an-dràsta, feumaidh cluicheadairean clogaidean gus am bi iad 17 is roghainn pearsanta aca às dèidh sin.

Bhiodh moladh Chinn a' Ghiuthsaich air fàgail gum biodh aig daoine a dh'fhàs suas le clogaidean ri leantainn orra mar inbhich ach gun a bhith gan sparradh air feadhainn nas sinne nach robh cho eòlach orra.

Bhiodh e air fàgail ge-tà, rè-ùine, gum biodh clogaidean air a h-uile duine aig gach ìre den spòrs.

Dhearbh Ceann a' Ghiuthsaich gu bheil iad a-nise air am moladh a tharraing.

Lagh

Dh'innis iad gun d'fhuair iad fios bho Chomann na Camanachd gun robh Obar Dobhair air iarraidh gun rachadh am moladh an dàrna taobh is dragh orra gun robh e an aghaidh an lagh.

Thuirt Obar Dobhair gu bheil iad fhèin airson is gum bi clogaidean air gach cluicheadair air a' cheann thall ach gun robh dragh orra gun robh moladh Chinn a' Ghiuthsaich an aghaidh laghan air cothromachd.

Dh'iarr Ceann a' Ghiuthsaich mìneachadh bho sporscotland is fhuair iad fios air ais bhon chompanaidh lagha Harper Macleod.

Mhìnich an luchd-lagha gun robh moladh sam bith a bhiodh a' toirt air cluicheadairean de dh'aois shònraichte clogaid a chleachdadh glè bhuailteach a bhith a' bristeadh laghan a thaobh leth-bhreith a dhèanamh air daoine a rèir an aois.

Thuirt an luchd-lagha gum faodadh cluicheadairean no clubaichean dùbhlan laghail a thogail na aghaidh.

Ann am brath-sgrìobhte, thuirt Ceann a' Ghiuthsaich gu bheil iad an aghaidh clogaidean a bhith gan sparradh air cluicheadairean aig gach aois is gu bheil e na bhristeadh-dùil dhaibh gu bheil coltas ann gu bheil am plana a bh' aca gus clogaidean a thoirt a-steach thairis air ùine an aghaidh an lagh.

Thuirt iad nach eil an ùine, an t-airgead no miann aca an gnothach a dheasbad tuilleadh is gu bheil iad air am moladh a tharraing.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile