Planaichean Bhrearghadail gan taisbeanadh

  • 18 An t-Samhain 2014
Lùb Bhràigh Bhearghadail Image copyright Jim Bain/Geograph
Image caption Thog Seòmraichean Malairt na h-Alba gearain air a' bhuaidh air gnothachas sa cheann a tuath.

Cuiridh Còmhdhail Alba dreach-phlana airson pìos den A9 ann an Gallaibh a leasachadh, mu choinneimh an t-sluaigh san sgìre an ath-sheachdain.

Tha an A9 a' tuiteam bho 490tr (150m) gu 65tr (20m) de dh'àirde mar a theàrnas e le gleann air Bràigh Bhreaghadail.

Thèid an dreach-phlana a thaisbeanadh aig Eaglais Bhearghadail air an 26mh den t-Samhain.

Gheibhear cothrom air na planaichean cuideachd air làrach-lìn na buidhne.

Foillsichear dreach-òrdughan rathaid airson na h-obrach Dihaoine.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Keith Brown: "Tha an lùb agus an dìreadh cas aig Bràighean Bhearghadail air dùbhlan a thoirt do dhràibhearan, agus 's e sin as coireach gu bheil sinn air a bhith ag obair gu cruaidh gus leasachaidhean a thoirt air an A9 air fad, na Bràighean san àireamh.

San Lùnastal, dh'iarr Seòmraichean malairt na h-Alba gun deadh cabhag a chur air an obair.

Chuir làraidh a chaidh na theine air na bràighean bacadh air an rathad fad còig uairean de thìde air a' 5mh là den Lùnastal. Thàinig air daoine seach-shlighe 77 mìle a chleachdadh, ach cha robh e freagarach do làraidhean troma.

Thuirt Seòmraichean Malairt na h-Alba gum biodh tubaistean air na Bràighean gu tric, agus gun robh sin a' toirt droch bhuaidh air gnothachas ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd agus ann an Arcaibh.

Thuirt Còmhdail Alba gun robh freragairt don trioblaid air fàire.