Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ailig Salmond

Fàgaidh Ailig Salmond a dhreuchd mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba feasgar an-diugh an dèidh seachd bliadhna os cionn Riaghaltas na h-Alba. Thèid Nicola Sturgeon a chur dhan dreuchd na àite a-màreach. Tha Maighstir Salmond a' fuireach mar bhall ann am Pàrlamaid na h-Alba ach tha e a' beachdachadh cuideachd air seasamh anns an taghadh choitcheann airson Westminster an ath-bhliadhna.

Ierusalem

Thuirt poilis ann an Israel gun tug fir-gunna ionnsaigh air sionagog air taobh siar Ierusalem anns an deach ceathrar a mharbhadh agus feadhainn eile a leòn. Tha e coltach gur e Palestinianaich a bh' anns an dithis fhear-gunna a chaidh a mharbhadh cuideachd an uair a loisg na poilis orra.

Bàs

Tha duil ri fear, 32, anns a' chùirt an-diugh ma bhàs nighinn, 11, ann an Glaschu oidhche Haoine. Chaochail Sophie Brannan an dèidh do chàr bualadh innte ann an sgìre Maryhill.

Companaidh Leasachaidh

Cha dèan Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath tagradh mun cho-dhùnadh a chuir stad air a' phlana aca airson tuath-gaoithe. Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead dhan phròiseact anns a' Chlachan an dèidh dhan MOD gearan gun toireadh e buaidh air an t-siostam radar aca. Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan, ag ràdh ge-tà gur fhiach fhathast bruidhinn ris an MOD a dh'fhaicinn dè seòrsa pròiseactan a bhiodh freagarrach.

Sgeama nan Taighean Croite

Iarraidh riochdairean Comhairle nan Eilean Siar dùblachadh, air a' char as lugha, air an taic-airgid do chroitearan airson taigh a thogail. 'S e £22,000 an t-suim as motha a th' ann an-dràsta ach tha sin gun atharrachadh bho chion faisg air deich bliadhna agus thèid iarraidh air Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, sùil às ùr a thoirt air sin aig coinneimh an-earar.