Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

FIFA

Cho-dhùin rannsachadh a chaidh a dhèanamh le FIFA nach robh coirbteachd sam bith anns na tagraidhean soirbheachail aig an Ruis agus Qatar airson chuairtean deireannach Chupa na Cruinne. Ach chàin an aithisg an iomairt aig Comann Ball-Choise Shasainn airson Cupa na Cruinne 2018, agus i ag ràdh gun do mhill iad an ìomhaigh aig FIFA leis an dol-a-mach aca. Tha an aithisg a' cumail a-mach gun do dh'fheuch an FA ri fàbhar seann leas-cheannard FIFA, Jack Warner, a bhuanachd, le am measg eile, a bhith a' faighinn obair san Rìoghachd Aonaichte do charaid dha. Thuirt an FA nach robh dad ceàrr air an tagradh aca, agus nach eil iad a' gabhail ri gin de na casaidean a tha a' nochdadh san aithisg.

Ailig Salmond

Thèid Ailig Salmond a cheasnachadh aig Holyrood an-diugh airson an turais mu dheireadh mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba. Leigidh e dheth a dhreuchd gu foirmeil air an ath-sheachdain, le Nicola Sturgeon a' tighinn na àite. Dh'innis Mgr Salmond dhan BhBC gum bi e ag ionndrainn Àm Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir, agus thug e urram dhan luchd-dùbhlain a dh'fheuch ri ceann a' mhaide a chumail ris thairis air na seachd bliadhna a dh'fhalbh.

Ebola

Tòisichidh a' bhuidheann mheidigeach eadar-nàiseanta Medicins Sans Frontieres a' dèanamh dheuchainnean air taobh siar Afraga air trì banachdaichean eadar-dhealaichte airson Ebola. Nì luchd-obrach dearbhadh air dà dhroga ana-bhìorasach, agus air plasma fala bho dhaoine a th' air faighinn thairis air a' ghalar.

Philae

Chaidh aig Buidheann Fànais na h-Eòrpa air conaltradh ath-stèidheachadh leis an t-soitheach a laigh air reul-cearbach an-dè. Thàinig an t-inneal Philae far uachdar a' chomet dà thuras nuair a dh'fhailich na teadhairean airson a chumail an sàs. Tha eòlaichean a-niste a' beachdachadh air am bu chòir oidhirp a dhèanamh na harpoons a losgadh a-rithist. Ach tha eagal orra gum faodadh sin an t-soitheach a phùtadh a-mach dhan fhalamhachd.

Taighean

Bha fèill mhòr air taighean ann an Alba air a' mhìos a chaidh a rèir àireamhan ùra bho Institùd Rìoghail nan Suirbheidhearan Carta. Thuirt 81% de shuirbheidhearan na dùthcha gun tàinig àrdachadh air na bha de dhaoine a' tighinn thuca 's iad airson taigh a cheannach. Tha an t-institùd ag ràdh gun do thòisich cùisean a' fàs nas traing às dèidh an referendum air neo-eisimeileachd.

Fiosrachadh Siubhail

Tha Cal Mac air innse dhuinn gu bheil iad air an t-seòladh aig 2:00f à Steòrnabhagh gu Ulapul a chur dheth. Tha sin a' ciallachadh gu bheil seòladh air ais aig 5:30f cuideachd air a chur dheth air sàilleabh droch-shìde.

Ann an Arainn tha an t-seirbheis eadar Tairbeart Loch Fìn agus Loch Raonasa air a chur dheth. Agus mu dheireadh an-dràsta tha Cal Mac ag ràdh gu bheil iad air an t-seòladh à Bàgh a' Chaisteil aig 8:40f a chur dheth, agus tha sin a' ciallachadh cuideachd gu bheil iad air an t-seòladh aig 10:40f à Loch Baghasdail a chur dheth air sàilleabh na droch-shìde. Sin buaidh cuideachd air seòlaidhean a-màireach. Cha bhi i a' seòladh às an Òban aig 08:30m.