Dealbh na "basgaid ro-eachdraidheil"

  • 12 An t-Samhain 2014
"Basgaid ro-eachdraidheil" Image copyright Roger Auger
Image caption Tha arc-eòlaichean a' feuchainn ris "a' bhasgaid ro-eachdraidheil" fhaighinn às a' mhoil gu sàbhailte.

Chaidh dealbh fhoillseachadh de na th' air fhàgail - am beachd arc-eòlaichean - de bhasgaid ro-eachdraidheil.

Chaidh a faighinn air oirthir Uibhist a Tuath.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a-nis ag obrachadh leis a' choimhearsnachd agus Alba Aosmhor gus a faighinn às a' mhoil.

Chaidh mòran nithean aosmhor a lorg an Uibhist a Tuath thairis air na bliadhnaichean, mar làraichean de thaighean bho linn an iarainn agus fianais de dh'obair mheatailte bhon aon àm.