Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Cion-Cosnaidh

Thuit àireamh a' chion-chosnaidh ann an Alba agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Sheall àireamhan oifigeil gun robh 164,000 Albannach gun obair as t-Samhradh. Thàinig lùghdachadh de 10,000. Ann am Breatainn gu lèir thuit an àireamh 115,000 gu beagan is 2,000,000. Tha ìre chion-chosnaidh na h-Alba a-niste a' seasamh aig 5.9% an coimeas ri 6% airson na Rìoghachd Aonaichte. Aig a' cheart àm tha Oifis na Staitistig Nàiseanta air innse gun do dh'èirich tuarastalan nas luaithe na ìre na h-atmhorachd airson a' chiad uair ann an còig bliadhna. Dh'èirich pàigheadh coitcheann 1.3% eadar an t-Iuchar is an Lùnastal. Dh'èirich ìre na h-atmhorachd 1.2% thairis air an aon àm.

Càintean air Bancaichean

Chaidh càintean de £2bn a chur air còig bancaichean a dh'fheuch ri buaidh a thoirt air margaidh an airgid chèine. Bidh aig HSBC agus Banca Rìoghail na h-Alba ri £400,000,000 a phàighead, le peanasan cuideachd gan cur air na bancaichean Aimeireaganach City Group agus JP Morgan, agus UBS anns an Eilbheis. Tha Barclays fhathast ann an còmhraidhean le riaghladairean nan seirbheisean ionmhais.

Bathgate

Chaidh sgoil-àraich agus grunn shràidean a dhùnadh ann am Bathgate ann an Lodainn an Iar an-diugh sa mhadainn ri linn dhraghan mu dheidhinn slàinte fhireannaich. Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil duine aois 32, a' diùltadh a dhachaigh fhàgail air Gideon Court anns a' bhaile.

SSE

Thuirt SSE nach coisinn iad uimhir de dh'airgead 's a bha iad an dùil am-bliadhna 's iad a' foillseachadh gun do thuit na prothaidean aca 6% anns a' chaid leth den bhliadhna-ionmhais. Anns na sia mìosan gu deireadh an t-Sultain rinn a' chompanaidh chumhachd prothaid de £316m. Thuirt SSE gun tug aimsir bhlàth buaidh air na bha daoine a' cleachdadh de chonnadh, agus gun robh sìde shocair a' ciallachadh nach deach uimhir de dhealan a chruthachadh leis na tuathan-gaoithe aca.

Flybe

Dh'fhoillsich Flybe gum fosgail iad an t-seann ionad aca aig Port-adhair Obar Dheathain às ùr anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna. Thèid suas ri 100 obraichean a chruthachadh eadar criuthaichean adhair, luchd-einnsinnìridh agus sgiobannan talmhainn. Dhùin a' chompanaidh adhair na h-ionadan aca ann an Obar Dheathain agus Inbhir Nis o chionn bliadhna mar phàirt de dh'iomairt airson cosgaisean a ghearradh.