Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Max Clifford

Chuir Cùirt an Ath-thagraidh aonta ris a' bhinn ochd bliadhna sa phrìosan air Max Clifford airson ionnsaighean drabasta air boireannaich agus nighnean. Chaidh Clifford, aig an robh dreuchd a' dèanamh riochdachaidh phoblaich do dhaoine ainmeil, a dhiteadh anns a' Ghiblean am-bliadhna. Thuirt na britheamhan gun robh a bhinn cothromach agus ceart.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha ministearan ionmhais na h-Eòrpa aig coinneimh èiginn sa Bhruiseal agus Breatainn a' diùltadh £1.7bn a bharrachd a dh'iarr an t-Aonadh Eòrpach a phàigheadh. Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gum feuch esan ri aonta nas fheàrr fhaighinn do Bhreatainn.

Na Làbaraich

Thuirt Dùghlas Alexander, a tha a' stiùireadh iomairt na Pàrtaidh Làbaraich airson taghadh coitcheann na h-ath-bhliadhna, gum feum na Làbaraich tighinn gu aonta eadar iad no gun caill iad anns an taghadh. Bha Mgr Alexander a' bruidhinn an dèidh do cheannard nan Làbarach, Ed Miliband, a bhith a' dol às àicheadh gu bheil cuid de Bhuill-Phàrlamaid Làbarach cho mì-thoilichte leis-san agus gu bheil iad ag iarraidh air a dhreuchd fhàgail.

Sarah Boyack

Tha Sarah Boyack a' cur a h-iomairt air bhonn an-diugh airson a bhith na ceannard air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. Thuirt Ms Boyack gum feum na Làbaraich earbsa an t-sluaigh an Alba a chosnadh a-rithist.

Aiseag a' Chorrain

Tha teagamh às ùr ann mu Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abair agus Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach urrainn dhaibh subsadaidh a chumail ris an t-seirbheis. Thuirt oifigich na Comhairle gu bheil cunnart ann gum bris iad riaghailtean Eòrpach ma leanas an subsadaidh, agus gum feum iad am faradh a chur suas, an t-seirbheis a chur a-mach gu tairgse às ùr, no a cur fo smachd Riaghaltas na h-Alba. Tha feadhainn de chomhairlichean na sgìre a' faighneachd ge-tà, an urrainn dhan Chomhairle beachdachadh air cosgaisean na seirbheis a ghearradh?

Àrd-sgoil Lìonail

Thig an co-chomhairleachadh mu Àrd-sgoil Dà Bhliadhna Lìonail ann an Nis gu ceann an-duigh agus pàrantan a' toirt ath-chuinge le 500 ainm oirre do Chomhairle nan Eilean Siar a' cur an aghaidh a dùnadh. Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil àireamh ìseal sgoilearan ann agus cosgaisean mòra, rud ris nach eil pàrantan ag aontachadh. Bidh co-dhùnadh ann aig coinneimh Chomataidh Foghlaim na Comhairle anns a' Ghearran.