Stèisean aig Dail Chrois an 2019

  • 6 An t-Samhain 2014
Loidhne rèile Image copyright Peter Moore / Geograph
Image caption 'S ann ri taobh na loidhne-rèile a tha Port-adhair Inbhir Nis

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi stèisean rèile aig Port-adhair Inbhir Nis deiseil ann an 2019.

Bha an Riaghaltas air innse roimhe gur ann eadar 2014 is 2019 a bhiodh an stèisean deiseil.

Thàinig dearbhadh air a' cheann-là bho Mhinistear na Còmhdail, Cè Brown, is e a' freagairt cheist bhon bhall Làbarach Ghàidhealach, Dàibhidh Stiùbhart.

Thuirt Mgr Brown gu bheil a' phròiseict na pàirt de shreath de leasachaidhean aig Network Rail air an loidhne eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain is gum bi stèisean Dhail Chrois deiseil sa Mhàirt 2019.

Briseadh-dùil

Chuir Mgr Stiùbhart fàilte air an naidheachd gum bi ceangal rèidhle ann aig a' phort-adhair ach thuirt e gur e briseadh-dùil a th' ann dha nach fosgail e ro 2019.

"Tha sinn air faicinn mar thà a' bhuannachd a thig an cois stèiseanan fhosgladh sa cheann a tuath, mar a thachair air Drochaid Sguideil", thuirt Mgr Stiùbhart.

"Tha mi cinnteach gum bi ceangal rèile gu Dail Chrois fiù 's nas trainge", thuirt e.

B'àbhaist stèisean a bhith ann an Dail Chrois ach chaidh a dhùnadh ann an 1965.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile