Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Connadh

Tha an iomairt airson connadh nas saoire ag iarraidh rannsachadh mu phrìs a' pheatroil agus an diesel aig na pumpaichean. Ged a tha Àrd Rùnaire Roinn an Ionmhais, Dànaidh Alexander, ag iarraidh air na companaidhean mòra lùghdachadh ann am prìs na h-ola air a' mhargaidh eadar-nàiseanta a chur an sàs aig na pumpaichean, tha luchd-iomairt ag ràdh gur e cìs a tha an Riaghaltas fhèin a' cur an sàs a th' ann an 60% den phrìs a tha sin.

Bancaichean

Bidh rannsachadh farsaing ann air gnìomhachas nam bancaichean ann am Breatainn. Tha Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean ag ràdh gu bheil mòran luchd cleachdaidh mì-thoilichte leis an t-seirbheis a tha iad a' faighinn bho na banaichean mòra agus gu bheil, a-measg rudan eile, mòran a' gearan air cho beag fiosrachaidh 's th' ann nuair a tha iad am beachd gluasad gu banca eile.

EU

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, 's fhìor iarraidh gearradh san £1.7bn a bharrachd a tha an t-Aonadh Eòrpach ag iarraidh air Breatainn. Innsidh Mgr Osborne do mhinistearan ionmhais eile na h-Eòrpa a-màireach nach pàigh Breatainn an t-suim sin.

Bochdainn connaidh

Thòisich co-labhairt nàiseanta dà là anns an Aghaidh Mhòir an-diugh air bochdainn connaidh. Tha diofar bhuidhnean an sin ag iarraidh tuilleadh taic do dh'fheadhainn aig a bheil an tuarasdal as ìsle agus na taighean as fhuaire. Chuir iad a' cho-labhairt air dòigh air a' Ghàidhealtachd oir gur ann an sin agus anns na h-Eileanan a tha a' bhochdainn connaidh as miosa san dùthaich.

Sgoil Uibhist a Tuath

Tha dàil air pròiseict na bun-sgoile ùr do dh'Uibhist a' Tuath ged nach eil an togail fiù 'sair tòiseachadh. Dh'èirich cosgais a' phròiseict agus tha Comhairle nan Eilean Siar a' feuchainn a-nis ri airgead a thogail mu choinneamh sin.