Airgead on taobh a-muigh a dhìth

  • 5 An t-Samhain 2014
Maoim-slèibhe Image copyright Ingrid Deschryver
Image caption Bha an rathad dùinte fad ceithir mìosan toiseach 2012.

Feuchaidh Comhairle na Gàidhealtachd ri maoineachadh bhon taobh a-muigh a' lorg ann an oidhirp fuasgladh maireannach fhaighinn do thrioblaidean air seach-rathad an t-Sròim.

Tha an rathad air a bhith dùinte tric - ri linn mhaoimteam-slèibhe anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Dh'aontaich buill de chomataidh na Comhairle Diciadain tagraidhean a dhèanamh a dh'iarraidh taic-airgid airson a' phròiseict bho leithid bhuidhnean Iomairt, Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean Eòrpach.

Tha trì roghainnean mun coinneimh, ach cha tòisich obair sam bith gus an tèid gealltanasan-iomhais fhaighinn.

Nuair a chaidh an rathad a dhùnadh fad ceithir mìosan bhon 22na den Dùbhlachd 2011 gu 23mh an Giblean 2012, chosg e £2.8m do Chomhairle na Gàidhealtachd dèiligeadh ri buaidh na maoime-slèibhe.