Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuarastail

Bho chionn leth-uair de thìde tha tribunal ath-thagradh cosnaidh air co-dhùnadh gum bu chòir tuarastal airson uairean obrach a bharrachd a bhith an cois tomhais air tuarastal saor-làithean. Cho-dhùin am panal gun robh 16 luchd-obrach, cuid bhon chompanaidh rathaidean Bear Alba nam measg, airidh air barrachd na am bun-tuarastal shaor-làithean aca. Tha dragh air gnìomhachasan beaga gum faodadh an riaghladh am fàgail banca-briste.

Cùram Iomallach

Tha earrainn de £40m de dh'airgead a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba ga thabhainn air sgìrean iomallach na dùthcha. Chaidh an t-airgead airson ionadan cùraim ainmeachadh le Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil. Tha e a' tighinn agus Colaiste Rìoghail nan Dotairean Teaghlaich ag ràdh gu bheil gainnead airgid airson na seirbheis a' cur euslainteach ann an cunnart. Tha a' bhuidheann air còrr air 20,000 ainm a chruinneachadh air ath-chuinge feuch buidseat na seirbheis àrdachadh gu 11% de phrìomh bhuidseat an NHS.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Choinnich buidheann iomairt slàinte ùr airson a' chiad uair san Eilean Sgitheanach an-raoir agus iad draghail mu mholadh bho NHS na Gàidhealtachd gun tèid ospadal ùr dhan sgìre a thogail anns an Ath Leathainn. Tha a' bhuidheann ag iarraidh ath-sgrùdaidh air a' phròiseas, ag ràdh gur e sin an làrach a b' fheàrr leotha. Tha a' bhuidheann a' dol a sgrìobhadh gu Bòrd na Slàinte, Buill-Phàrlamaid agus Ministear na Slàinte, ag ràdh nach eil earbsa aca ann an stiùirichean na Seirbheis Slàinte.

Tubaist-rathaid

Chaidh aon duine a thogail dhan ospadal le heileacoptair eiridinn às dèidh tubaist eadar dà charbad air an A9 ann an Siorrachd Pheairt. Thachair an tubaist air a' cheann-rathaid gu tuath aig Baile an Lùig. Tha an rathad dùinte a' dol gu tuath, 's tha na Poilis a' toirt rabhaidh gur dòcha gum bi airson grunn uairean de thìde fhathast.

Àireamh nam Poileas

Tha an àireamh de dh'oifigearan poilis ann an Alba air tuiteam beagan anns na trì mìosan mu dheireadh. Ach tha an àireamh gu lèir fhathast a' coileanadh gealltanas an Riaghaltais mìle oifigear poilis a bharrachd a bhith ann. Aig deireadh an t-Sultain bha 17,267 oifigear ann. Tha sin sìos 51 bho na trì mìosan ron a sin.

Tormod Baker

Tha am Ball-Pàrlamaid Lib-Deamach, Tormod Baker, air a bhith a' mìneachadh carson a leig e dheth a dhreuchd mar mhinistear ann an Oifis na Dùthcha. Thuirt e gun robh fois a dhìth air às dèidh dha a bhith a' strì an aghaidh Rùnaire na Dùthcha, Theresa May.

Taghadh Aimeireaga

Tha muinntir nan Stàitean Aonaichte gu bhith a' bhòtadh an-diugh anns na taghaidhean meadhan-teirm airson an t-Seanaidh agus Taigh nan Riochdairean. Ma nì na Poblachdaich a' chùis ann an taghaidhean an t-Seanaidh, bidh e comasach dhaibh bacadh a chur air molaidhean a thigeadh bhon Cheann-Suidhe Obama.