Port Steòrnabhaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Troimhe-chèile am Port Steòrnabhaigh

4 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fear a th' air a bhith ag obair ann am Port Steòrnabhaigh bho chionn bhliadhnaichean ag ràdh gum feum an Riaghaltas a dhol a sàs airson an troimhe-chèile san Ùghdarras a tha ruith a' phuirt a thoirt gu ceann.

Thuirt stiùiriche Seirbheis Longais Steòrnabhaigh, Tormod MacArtair, gu bheil cùisean air a bhith dol ceàrr bho chionn ghreis.

Bha Sandy MacMhathain, a bha na chathraiche air Coimisean Cidhe agus Caladh Steòrnabhaigh, mar tha air a ràdh nach bu chòir buill an ùghdarrais taic sam bith a chur ri brath-naidheachd a thàinig bhon àrd-oifigear, Sìne NicÌomhair, an t-seachdain seo chaidh.

Bha am brath-naidheachd a' cur na h-uidhear de dhìon air a' chathraiche, a leig dheth a dhreuchd an t-seachdain seo chaidh.

Dh'iarr sinn beachd air àrd-oifigear Ùghdarras a' Phuirt, Sìne NicÌomhair, ach thuige seo chan eil sinn air cluinntinn bhuaipe.