Rabhadh mu chion taigheadais ann an Stafainn

  • 3 An t-Samhain 2014
Stafainn
Image caption Tha dragh ann mun bhuaidh 's a th' aig cion taigheadais air an sgìre

Nochd rabhadh gum faodadh Bun-sgoil Stafainn anns an Eilean Sgitheanach a bhith ann an cunnart dùnadh air sgàth trioblaid anns an sgìre le cion taigheadais.

Tha còrr is fichead bliadhna ann bho chaidh taighean comhairle ùr a thogail anns an sgìre, neo feadhainn a bhiodh ri fhaighinn air màl neo prìs reusanta.

Tha Urras Stafainn a-nis a'coimhead ri fearann a cheannach air an tog iad fhèin taighean.

Crìonadh

Tha crìonadh mòr air tighinn air an àireamh sgoilearan ann am Bun-sgoil Stafainn thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Bha mu 55 duine cloinne anns an sgoil ann an 2006 ach chan eil innte ach 11 a-nis.

Tha Jennifer Shanks a-measg an fheadhainn a bhuineas dhan sgìre agus aig an robh trioblaid taigh fhaighinn ann.

Chaidh a ràdh rithe nach fhaigheadh i taigh comhairle seach gu robh i fhèin agus an duine aice a' cosnadh, agus leis nach robh clann aca.

"Nam bheachd-sa chan e ìomhaigh mhath a tha sin a bhith a' toirt seachad - gur e sin mar a gheibh thu taigh a bhith a' fàs trom aig aois cho òg", thuirt i.

Aig a' cheann thall chaidh aice fhein 's an duine aice air taigh a thogail air pìos fearainn a cheannaich a h-athair.

Turasachd

Fhuair sgrùdadh a rinn urras leasachaidh na sgìre gu bheil 18% dhen na taighean gan cleachdadh airson turasachd a-mhàin.

Tha dòchas ann gun cruthaich leasachadh a th'anns an amharc aig cidhe Stafainn 40 obair ùr - ach tha dragh air Cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach mu àitean-fuirich dhan luchd-obrach a bharrachd sin.

Chuir an t-Urras iarrtas a-mach gu croitearan feuch am faigh iad talamh airson taigheadas.

"Tha feum aig an sgìre seo air taighean agus, mura h-obraich sinn còmhla, cha bhi sgoil againn ann am beagan bhliadhnaichean", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile