Iomain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgitheanaich suas

3 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' cluich anns an Lìog Nàiseanta air an ath-sheusan agus iad air a' chùis a dhèanamh air Baile a' Chaolais 5-0 ann an geama dearbhaidh ann an Druim na Drochaid.

Thàinig na tadhail à Jordan Murchison (2), Shockie MacIllinnein, Danny Moireasdan is Will Cowie.

Bha sgiobair an Eilein, Gilleasbuig MacDhòmhnaill, air a dhòigh.