Tagradh ùr bho theaghlach Jamie Taggart

  • 31 An Dàmhair 2014
Jamie Taggart Image copyright Other
Image caption Bha Jamie Taggart a' siubhail na aonar, ach bha e eòlach air an sgìre.

Tha teaghlach eòlaiche-lusan à Earra-Ghàidheal a th' air a bhith a dhìth ann an Bhietnam fad bliadhna air tagradh ùr a dhèanamh airson fiosrachadh mu na thachair dha.

Bha Jamie Taggart, à Ros Neimhidh an Earra-Ghàidheal is Bòd, a' lorg lusan tearc sna beanntan faisg air a' chrìch le Sìona nuair a chaidh e a dhìth mun àm seo an-uiridh.

Rannsachadh botanaigeach

Dh'fhag Jamie Taggart, a tha 41, a bhaga agus a' chead-siubhail ann an taigh-òsta anns an robh e a' fuireach, nuair a chaidh e a dhìth bho chionn bliadhna.

Bha Mgr Taggart a' dèanamh rannsachadh botanaigeach air planntrais agus lusan anns na beanntan faisg air a' chrìch eadar Bhietnam agus Sìona.

Bha e a' siubhail na aonar, ach bha e eòlach air an sgìre 's e air a bhith ann roimhe.

Tha athair Mhgr Taggart ag ràdh gum feum fios a bhith aig cuideigin dè na thachair dha - ged a dh'aidich e gu bheil e gu math eu-coltach gun tèid a lorg beò.

Chuir e ìmpidh air daoine aig a bheil càirdean no caraidean ann an Bhietnam a thighinn air adhart le fiosrachadh sam bith a dh'fhaodadh a bhith aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile