Mìos eile mus fhosgail rathad an t-Stròim

  • 31 An Dàmhair 2014
Maoim-slèibhe aig seach-rathad an t-Sròim Image copyright Ingrid Deschryver
Image caption Maoim-slèibhe aig seach-rathad an t-Sròim air Taobh Siar Rois.

Bidh mìos eile ann mus fhosgail seach-rathad an t-Stròim air Taobh Siar Rois air an oidhche a-rithist.

Chaidh rathad an A890 a dhùnadh às dèidh maoim-slèibhe air an deireadh-sheachdain seo chaidh.

Ged a tha an rathad a-nis fosgailte eadar 7m agus 7f, le solais a' stiùireadh an trafaig, tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum iad a chumail dùinte air an oidhche gus an tèid a dhèanamh sàbhailte.

Tha dùil gun till seirbheisean trèana eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse dhan àbhaist Dihaoine.

Earra-Ghàidheal

Aig a cheart àm, ann an Earra-Ghàidheal, tha an A83 aig an Rest and Be Thankful fhathast dùinte às dèidh maoim-slèibhe.

Tha Seann Rathad an Airm, ri taobh an A83, fosgailte airson càraichean a leigeil troimhe.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid ag ràdh gu bheil iad air a' mhòr-chuid dhan sprùilleach a ghlanadh far a' phrìomh rathad, agus gum bi aig daoine ris an t-seann rathad a chleachdadh thairis air an deireadh-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile