Buaidh na droch shìde air Ghàidhealtachd

  • 28 An Dàmhair 2014
Maoim-slèibhe aig seach-rathad an t-Sròim Image copyright Ingrid Deschryver
Image caption Maoim-slèibhe aig seach-rathad an t-Sròim air Taobh Siar Rois.

Tha dà rathad gu math cudromach air taobh siar na Gàidhealtachd fhathast dùinte le maoimean-slèibhe an dèidh uisge trom.

Air Taobh Siar Rois, tha an A890 dùinte ann an dà àite, faisg air Uachdair Thìre agus aig seach-rathad an t-Sròim. Tha dùil gum bi an rathad an t-Sròim dùinte airson grunn uairean de thìde.

Chaidh moladh do dhràibhearan an A87 a chleachdadh mar dhiofar shlighe eadar an Caol agus Inbhir Nis.

Cha d' thug an droch shìde buaidh ge-tà air an loidhne rèile a tha ri taobh an rathaid.

Earra-Ghàidheal

Ann an Earra-Ghàidheal, tha an A83 dùinte aig an Rest and Be Thankful ri linn dà mhaoim-slèibhe. Chaidh Seann Rathad an Airm fhosgladh mar shlighe timcheall air na maoimean-slèibhe.

Tha pàirt den A85 air an t-slighe deas dùinte eadar a' Chrìon Làraich agus Ceann Loch Èireann.

Image copyright Bear Scotland
Image caption Tuiltean aig Gleann Chonghlais.

Tha an A835 eadar Inbhir Nis agus Ulapul fosgailte a-rithist an dèidh a bhith dùinte aig Garbh airson grunn uairean de thìde.

Tha Poileas na h-Alba air rabhadh a thoirt do dhràibhearan agus dùil gun adhbharaich an t-sìde maill air an trafaig.

Solais eadar-amail

Chaidh an A82 eadar an Tairbeart agus a' Chrìon Làraich a dhùnadh airson ùine ghoirid, ach tha an rathad air fosgladh às ùr le solais eadar-amail.

Air Diluain, chaidh solais eadar-amail a chur an sàs air an A82 deas air a Ghearasdan an dèidh do mhaoimean-slèibhe an rathad a dhùnadh Là na Sàbaid.

Thàinig rabhaidhean mu thuiltean bho Bhuidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA) airson pàirtean mòra de Shiorrachd Pheairt agus Taobh Tatha, Loch Abar, Siorrachd Spè agus Taobh Sear Rois.

Chaidh rabhaidhean cuideachd fhoillseachadh airson Earra-Ghàidheal is Bòd, Taobh Siar Rois agus Cataibh.

Gheibhear am fiosrachadh siubhail as ùire an seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile