Dithis gan sàbhaladh far chosta Dhùn Omhain

  • 27 An Dàmhair 2014
Creagan Gantock Image copyright Dunoon Observer
Image caption Cha b' urrainn do bhàta-teasairginn Bhaile Eilidh cobhair a dhèanamh orra ri linn na droch shìde.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis dhaoine às dèidh dhan gheòla aca a dhol fodha ann an Linne Chluaidh, faisg air Dùn Omhain.

Chuir am poileas fios air na maoir-chladaich 's iad air an dithis fhaicinn air CCTV, 's iad a' greimeachadh air Creagan Gantock.

Cha b' urrainn do bhàta-teasairginn Bhaile Eilidh cobhair a dhèanamh orra ri linn na droch shìde.

Chùm bàt'-aiseag sùil air an dithis dhaoine gus an deach cobhair a dhèanamh orra le heileacoptair a' Chabhlaich Rìoghail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile