Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Pàrtaidh Làbarach

Tha a h-uile dùil gun innis am Ball-Pàrlamaid Anas Sarwar nach bi esan a' seasamh airson a bhith na cheannard air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba. 'S e Mgr Sarwar an ceannard eadar-amail an dèidh do Johann NicLaomainn falbh Dihaoine, 's ise ag ràdh nach eil guth aig na ceannardan ann an Lunnainn air a' phàrtaidh ann an Alba. 'S ann an-diugh a tha an tagradh a' fosgladh airson na dreuchd, 's tha dùil aig na Làbaraich ceannard ùr ainmeachadh air an 13mh là den Dùbhlachd.

Fallon

Dh'aidich Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon, gun do chleachd e briathrachas gun chùram an-dè an uair a thuirt e gu bheil bailtean agus coimhearsnachdan ann an Breatainn a' dol fodha le in-imrich às an Roinn Eòrpa. Tha am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camshron, ag iarraidh smachd air an àireamh in-imreach a Bhreatainn, ged a tha ceannardan Eòrpach ag ràdh nach gabh sin dèanamh. Thuirt Mgr Fallon gu bheil esan a' bruidhinn air suidheachadh a tha na dhragh do mhòran, ach nach robh e fhèin faiceallach gu leòr le a bhriathran.

A82

Tha an A82, am prìomh rathad air taobh siar na Gàidhealtachd, fhathast dùinte mu chòig mìle deas air a' Ghearasdan, an dèidh maoim-slèibhe an-dè. Tha sgioba de luchd-einsinniridh fhathast a' tomhas cuine a bhios e sàbhailte an rathad fhosgladh a-rithist.

Ugràin

Tòisichidh Ceann-Suidhe na h-Ugràin, Petro Poroshenko, air còmhraidhean an-diugh airson riaghaltas co-bhanntachd a stèidheachadh. 'S iad na pàrtaidhean aig a bheil taobh ris an taobh siar as fheàrr a rinn anns a' chiad thaghadh pàrlamaid bho chaidh cuir às dhan riaghaltas a bha nas dlùithe air an Ruis.

Afganastan

Thuirt na poilis ann an Afganastan gun tug na Taliban deichnear oifigear-poileas am bruid ann an ceann an ear-thuath na dùthcha. Thàinig an ionnsaigh dìreach là an dèidh do dh'Arm Bhreatainn uallach na h-obrach sin fhàgail aig na feachdan Afganach.

Flybe

Tha a' chompanaidh adhair Flybe a' tòiseachadh an-diugh air sreath de sheirbheisean ùra eadar London City agus sgìrean eile. Nam measg, tha seirbheisean gu ruige Inbhir Nis, Dùn Èideann agus Obar Dheathain. Tha na seirbheisean ùra ag amas air luchd-gnothachais gu h-àraidh, leis cho faisg 's tha London City air meadhan Lunnainn, agus tha Flybe den bheachd gum bi 300,000 duine gach bliadhna a' siubhal orra.