Tuilleadh thaighean air màl reusanta

  • 27 An Dàmhair 2014
Breigearachd Image copyright PA
Image caption Thèid cha-mhòr 200 taigh air màl reusanta a thogail air a' Ghàidhealtachd.

Thèid naoi taighean le màl reusanta a thogail ann an Inbhir Nis.

'S ann aig Bràigh Bhaile a' Mhonaidh a bhios an leasachadh, 's e mar phàirt de phròiseact nas fharsainge air a' Ghàidhealtachd anns am bi luach còrr is £20m.

Thèid an naidheachd mu na taighean ùra fhoillseachadh gu h-oifigeil le Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, aig Co-Chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thèid naoi taighean, a bhios ri fhaighinn air màl aig prìs reusanta, a thogail aig Bràigh Bhaile a' Mhonaidh an Inbhir Nis.

Màl reusanta

Tha seo mar phàirt de sgeama nas fharsainge, far an tèid cha-mhòr 200 taigh air màl reusanta a thogail air a' Ghàidhealtachd.

Cosgaidh an leasachadh aig Bràigh Bhaile a' Mhonaidh £1m, agus 's iad Comann Taigheadais Albyn a bhios os a chionn.

Thuirt iad gun tèid luchd-togail às an sgìre fhèin fhastadh airson na h-obrach.

Tha dùil gum bi na taighean deiseil an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile