Àrdachadh casg-astair air aontachadh

  • 21 An Dàmhair 2014
Làraidh Image copyright Getty Images
Image caption An-dràsta, chan eil e ceadaichte dha làraidhean a dhol càil nas luaithe na 40 m.s.u air rathaidean aon-fhillte.

Chaidh reachdas a tha ag àrdachadh an astair aig e bheil làraidhean ceadaichte a bhith a' siubhail air an A9 eadar Peart agus Inbhir Nis a shoidhneadh.

Bhon 28mh là den Dàmhair, bidh e ceadaichte dha làraidhean a bhith a' siubhail aig 50 mìle san uair far a bheil an rathad aon-fhillte, seach dà-fhillte.

Chaidh an reachdas ùr a chur an sàs leis an amas an A9 a dhèanamh nas sàbhailte.

Gheall Riaghaltas na h-Alba gum biodh an A9 dà-fhillte eadar Peairt agus Inbhir Nis ann an 2025.

Thèid an casg-astair airson làraidhean àrdachadh gu 50 m.s.u air an aon là 's a tha na camarathan a bhios a' tomhas astair choitchinn dhràibhearan gan cur gu dol.

An-dràsta, chan eil e ceadaichte dha làraidhean a dhol càil nas luaithe na 40 m.s.u air rathaidean aon-fhillte.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, gum biodh cùisean a-nis nas luaithe agus nas sàbhailte do dhràibhearan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile