Cead ga dhiùltadh do thaigh-ghrùdaidh

  • 21 An Dàmhair 2014
Dealbh den phlana Image copyright Colin Armstrong Associates
Image caption Bha an teaghlach Eramus airson Bàr Nico's air an làraich a leagail agus taigh-grùdaidh, bùth agus gailearaidh ealain a leasachadh mar phàirt den t-seann togalach.

Dhiùlt comhairlichean na Gàidhealtachd planaichean Dimàirt airson taigh-grùdaidh a thogail ann am meadhan Inbhir Nis.

'S iad an teaghlach Eramus, leis a bheil Taigh-òsta a' Ghlinne Mhòir, a bh' air cùlaibh a' phlana.

Bha iad airson Bàr Nico's air an làraich a leagail agus taigh-grùdaidh, bùth agus gailearaidh ealain a leasachadh mar phàirt den t-seann thogalaich air Sràid Ness Bank, ri taobh na h-aibhne.

Bhathas am beachd suas ri 12 obraichean a chruthachadh.

An dèidh tadhail air an làraich, nochd comhairlichean draghan mu mheud na pròiseict, a thuilleadh air ceistean mu ghnothaichean leithid pàirceadh.

Chaidh an sgeama a dhiùltadh gu h-aona-ghuthach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile