Gonzalo a' dèanamh buaireadh an Alba

  • 21 An Dàmhair 2014
Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich dùinte do charbadan sam bith.

Tha dùil ri gèiltean air feadh na h-Alba Dimàirt, agus na th' air fhàgail de Hurricane Gonzalo a' gluasad tarsainn na dùthcha.

'S iad àiteachan air a' chost an iar as motha a dh'fhairicheas a' bhuaidh, le dùil ri uisge trom cuideachd tron là.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a' sgaoileadh cuideachd, 's tha cuid de dhrochaidean na dùthcha dùinte do charabadan àrda.

Dh'fhaodadh a' ghaoth 75 msu a ruighinn ann an cuid de dh'àitichean.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe - "bithibh mothachail" - a sgaoileadh.

Thuirt iad gum fàsadh a' ghaoth nas treasa mar a shìollas an t-uisge a-mach agus a thionndaidheas àird na gaoithe chun an iar-thuath tron mhadainn.

Drochaidean dùinte

Tha an droch shìde cuideachd air buaidh a thoirt air an dealan 's na ceudan air feadh na dùthcha air a bhith às aonais chumhachd tron là, Earra-Ghàidheal, Loch Abair agus Steòrnabhagh nam measg. Thuirt SSE gu bheil iad ag obair gus a chàradh.

Tha cuid de dh'aithrisean ann de chraobhan air tuiteam thar rathaidean.

Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich dùinte.

Tha drochaidean Fhoirthe agus Earsgain dùinte do charbadan àrda, agus tha rabhadh gum bu chòir do dhràibhearan a bhith gu math faiceallach air Drochaid Dhòrnaich.

Tha an aimsir a' toirt buaidh air a' mhòr-chuid de sheirbheisean ChalMac cuideachd, agus bu chòir fiosrachadh fhaighinn bho làrach-lìn na companaidh.

Tha cuideachd mu 10% de sheirbheisean adhair bho Heathrow dheth.

Tuilleadh air an sgeulachd seo