NHS na Gàidhealtachd a' sireadh fuasgladh

  • 20 An Dàmhair 2014

Tha gearanan air nochdadh mu mar a dh'fheumas cuid de dhaoine ann an Cinn Tìre uiread ri dà thrian den pheinnsean stàite seachdaineach aca a phàigheadh airson faighinn dhan ospadal.

Mura bheil carbad-eiridinn a dhìth, agus mura bheil bus freagarrach ri fhaotainn, tha e cosg £60 siubhal leis a' Chrois Dhearg dhan ospadal san Òban, agus £80 eadar Cinn Tìre agus ospadalan Ghlaschu.

Gheibhear an t-airgead sin air àis bho NHS na Gàidhealtachd, ach bheir sin mìos.

Dh'aidich NHS na Gàidhealtachd nach robh an suidheachadh a th' ann freagarrach, agus gun robh iad a' coimhead ri fuasgladh fhaighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile