Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Barroso

Thug Jose Manuel Barroso, Ceann-Suidhe a' Chomisein Eòrpaich, rabhadh do Dhaibhidh Camshron an-diugh gur e mearachd a bhiodh ann dha feuchainn ri cùmhnant Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach atharrachadh. Thuirt Mgr Barroso, aig òraid ann an Lunnainn, gun cuireadh Mgr Camshron cais air dùthchannan air taobh sear na h-Eòrpa le phlanaichean airson smachd air in-imreachd. Thuirt Sràid Downing gun toir am Prìomh Mhinistear èisteachd do Mhgr Barroso ach gu bheil, a dh'aindeoin sin, atharrachadh a dhìth.

Pocannan

Tha cìs còig sgillinn gach poca, bho an-diugh, air feadhainn a tha a' cleachdadh pocannan nam bùithtean ann an Alba. Tha dòchas ann gun cuidich sin le trioblaid sgudail agus milleadh a tha pocannan plastaig a' dèanamh air an àrainneachd. Thig air a h-uile bùth a' chìs seo a chur an sàs.

Càball dealain

Tha Ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Briannain MacNèill, ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn cead a thoirt do chompanaidhean eile farpais ri SSE airson càball dealain a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr. Thàinig e am follais air an deireadh-sheachdain gun tug riaghladair a' chumhachd, Ofgem, cead seachad airson còig ceanglaichean eadar Breatainn, Èirinn, an Fhraing agus na dùthchannan Lochlannach, gun ghuth idir air ceangal ris na h-Eileanan an Iar.

Sgoiltean

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gur ann air a' 14mh là den Fhaoilleach a bhios iad a' deasbad suidheachadh nan sgoiltean ann an ceann an iar-thuath an Eilean Sgitheanaich. Bha a' Chomhairle air innse do Chomhairlean nam Pàrant aig sgoiltean san t-Struthan, Dùn Bheagain, a' Chnoc Bhreac agus anns an Aodann Bhàn, gur ann san t-Samhain a bhiodh Comataidh an Fhoghlaim a' beachdachadh air a' chùis. Thèid aithisg nan sgoiltean fhoillseachadh tràth san Dùbhlachd, gus cothrom a thoirt do dhaoine beachdachadh orra mus bi a' choinneamh ann.

Bèibidh

Thàinig dearbhadh bho Lùchairt Khensington an-diugh gur ann sa Ghiblein a tha dùil ri leanabh Diùc agus Bana-Phrionnsa Chambridge. Seo an dàrna leanabh aig a' Phrionnsa Uilleam agus a bhean Ceit.