Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn

  • 17 An Dàmhair 2014

Chaidh Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn air a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis.

Sa chiad àite bha Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, a fhuair comharra 374.

San dàrna àite, bha Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis, a fhuair 372.

Thàinig Còisir Ghàidhlig Inbhir Phrofharain san treas àite, le 369.

Anns a' cheathramh àite bha Còisir Ghàidhlig Ìle Ghlaschu, a fhuair 361.

'S iad Còisir Ghàidhlig Sgìre Obar Pheallaidh a fhuair Cuach Cuimhneachan Màiread NicDhonnchaidh.