Leòdhasaich is Hearaich a' faighinn cead geòidh a mharbhadh

  • 17 An Dàmhair 2014
Geòidh Ghlasa
Image caption Tha àireamh nan gèadh glasa air èirigh gu mòr sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Bidh cothrom aig croitearan ann an Leòdhas agus na Hearadh geòidh a mharbhadh, mar a tha iad air a bhith a' dèanamh an Uibhist.

Tha cead aca an-dràsta fo chead fharsaing a bhith ri losgadh air eòin fhiadhaich, ach cuiridh sgeama a thòisicheas as t-Earrach ris a' chead airson geòidh a-mhàin a mharbhadh.

Tha tòrr dhaoine air a bhith a' gearain mun chall a tha na h-eòin a' dèanamh, 's iad ag ithe bàrr agus feòir, 's a' gannrachadh fodair 's na talmhainn, a' toirt tinneasan do stoc.

"Tha sinne anns an aon shuidheachadh ris a' chuid as motha den eilean," thuirt Seumas MacArtair a tha na chroitear air a' Bhac ann an Leòdhas.

Sreang

"An taobh seo den eilean co-dhiù. Tha an talamh as fheàrr, tha mi a' creids', air an taobh seo den eilean, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin as coireach gu bheil na geòidh a' cumail na h-uiread ann an seo na tha iad ann an Ùig' 's na Hearadh 's na h-àiteachan sin. Ged a tha iad thall a sin cuideachd.

"Ach tha sinne air ar plàigheadh leotha.

"Tha mise a' dol a-mach cha-mhòr a h-uile là leis a' chù, 's tha mi a' feuchainn ris a' chùr a chur orra. Tha mi an dèidh feuchainn ri iomadach rud, agus 's e an cù as fheàrr.

"Tha mi cuideachd an dèidh sreang a chur tarsainn air na lotaichean againn - ach an aon rud mu dheidhinn sin, feumaidh na lotaichean a bhith garbh caol.

"Tha sin gan cumail air falbh, ach tha iad a-niste cleachdte ri sin fèar mar a bha ri rud sam bith eile.

"Bha iad a' bruidhinn air ann an seo an-dràsta, chan eil fhios agam cò mheud a tha iad a' smaoineachadh an àireamh a th' ann, ach bha iad a' smaointinn ma gheibh iad sìos gu mìle e, gum biodh sin an ìre mhath ceart.

"'S e an tìde a dh'innseas a bheil sin ceart, ach ma gheibh sinne sìos iad gu mìle, tha mi a' smaointinn gum bi gu leòr againn gu math toilichte."