Mòd Inbhir Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mòd na Cloinne: an dàrna là

15 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

A thaobh nan còisirean, bha là soirbheachail aig Sgoil MhicNeacail agus iadsan a' gleidheadh dhà dhe na farpaisean. Bhuannaich Sgoil Sir E Scott am Puirt-à-beul.

Airson còisirean fo aois 13 bliadhna, choisinn Bun-Sgoil Taobh na Pàirce dhà dhe na farpaisean, le Còisir Òg an Rubha a' toirt dhachaigh duais na t' eile.

Nise am-bliadhna, tha àrdachadh de 10% san àireamh de dh'fharpaisich òg a tha a' dèanamh air an àrd-ùrlar an taca ris an-uiridh.

Chaidh Dòmhnall Angaidh Moireasdan a bhruidhinn ri cuid dhiubh airson faighinn a-mach mun deisealachadh aca, 's mar a tha am Mòd air a bhith a' còrdadh riutha.