Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sturgeon

Chaidh dearbhadh gur i Nicola Sturgeon ceannard ùr an SNP. Gabhaidh i thairis an dreuchd às dèidh do dh'Ailig Salmond leigeil fhaicinn às dèidh an referendum gun robh e a' dol a dh'fhàgail. Tha triùir a-steach airson obair an iar-cheannard: am Ball-Pàrlamaid Albannach, Angela Constance, Ministear a' Chòmhdhail, Cè MacIlleDhuinn, agus am Ball-Pàrlamaid, Stewart Hosie.

TATA

Tha a' chompanaidh stàlainn TATA air innse gu bheil iad am beachd an roinn Long Products aca a reic. Tha iad a' toirt cosnadh do chòrr is 6,500 neach ann am Breatainn.

Daoine gun chosnadh

Thuit an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann am Breatainn anns na trì mìosan gu ruige deireadh an Lùnastal. Thàinig lùghdachadh de chòrr is 150,000 air an àireamh, a' fàgail gu bheil a-nis cha-mhòr dà mhillean gun obair. Tha a-nis 6% gun chosnadh, agus tha an àireamh aig an ìre as ìsle 's a bha e bhon bhliadhna 2008.

Ebola

Tha nurs eile ann an Texas leis an galair Ebola. Thathas den bheachd gun d' fhuair i e bho dhuine a bha i a' coimhead às dèidh ann an Liberia. Tha an UN ag ràdh gu bheil iad a' cumail sùil gheur air an 48 duine a bha an sàs ann a bhith a' toirt cùram dhan duine. Tha Buidheann Slàinte na Cruinne ag ràdh gu bheil a-nis cha-mhòr 4,500 duine air bàsachadh ri linn a' ghalair.

Eaconamaidh

Thàinig fàs 0.9% air eaconamaidh na h-Alba anns an dàrna chairteal den bhliadhna seo, a rèir àireamhan ùra. Thàinig fàs 2.6% air ìre GDP, an coimeas ris an aon àm an-uiridh. Chaidh na h-àireamhan fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba dìreach bho chionn ghoirid. Am measg na sheall iad, bha gun d' tàinig fàs 3.6% air gnìomhachas an togail.

Mòd Nàiseanta Rìoghail

Tha Ceann-Suidhe a' Chomainn Ghàidhealaich ag ràdh gur e na th' aca de dh'fharpaisich a tha gu ìre mhòr a' fàgail nach eil cuirmean buannachaidh ann air an oidhche aig a' Mhòd Nàiseanta am-bliadhna. Bha Iain Macleòid a' bruidhinn 's cuid de phàrantan ag ràdh gur e briseadh-dùil a bh' ann nach robh na cuirmean ann, 's nach robh fhios aca mun ghluasad. Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil mar a tha am BBC a' clàradh an fheadhainn a bhuannaich a' toirt cothrom do dhaoine am faicinn.