Planaichean fèin-riaghlaidh gam foillseachadh

  • 13 An Dàmhair 2014
Taigh nan Cumantan Image copyright PA
Image caption Thèid deasbad a chumail sa Phàrlamaid mu na th' air tachairt gu poileataigeach ann an Alba o chionn ghoirid, agus a' bhuaidh a th' aig an sin air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Foillsichidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte na planaichean aca Diluain airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.

Tha seo a rèir mar a gheall pàrtaidhean an aonaidh cuid de chumhachdan air cìsean agus sochairean a ghluasad gu tuath, às dèidh mar a bhòt mhuinntir na dùthcha an aghaidh neo-eisimileachd.

Tha am pàipear command a' nochdadh agus na pàrtaidhean an Alba air fad air beachdan a chur gu Coimisean Mhic a' Ghobhainn air Fèin-riaghladh.

Pàipear command

'S e seachdain chudromach a tha seo do dh'Alba ann an Westminster.

Air Diluain, thèid pàipear command fhoillseachadh leis an riaghaltas, ag innse dè dìreach a tha pàrtaidhean an aonaidh ann an Lunnainn a' moladh a thaobh nan cumhachdan a bu chòir a bhith aig Holyrood.

Tha na pàrtaidhean Albannach mar-thà air beachdan a chur gu Coimisean Mhic a' Ghobhainn, ach 's e Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a bhios fon phrosbaig Diluain, a thaobh na tha iadsan a' moladh.

Tha ministearan airson sealltainn gu bheileas a' cumail ris a' ghealltanas a chaidh a dhèanamh aig deireadh iomairt an referendum gus tuilleadh chumhachdan a thaobh cìsean agus sochairean sòisealta a thoirt seachad do dh'Alba.

Air Dimàirt, thèid deasbad a chumail sa Phàrlamaid mu na th' air tachairt gu poileataigeach ann an Alba o chionn ghoirid, agus a' bhuaidh a th' aig an sin air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Tha dùil gun tèid ceistean a thogail mu dè na gnothaichean air am bu chòir cead-bhòtaidh a bhith aig Buill-Pàrlamaid Albannach.

Cùisean Sasannach

An là à dèidh an referendum, rinn am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, ceangal gu math follaiseach eadar Alba a bhith a' faighinn tuilleadh chumhachadan ann an Holyrood agus cumhachdan nam ball Albannach ann an Westminster.

Tha esan, agus na Tòraidhean, ag iarraidh na cumhachdan aig buill Albannach a chuingealachadh gus nach bi e comasach dhaibh bhòtadh air cùisean is laghan Sasannach.

Tha coltas gum faodadh an leithid a bhith millteach, gu h-àraidh dhan Phàrtaidh Làbarach.

Mar sin, tha a' chùis air deasbad mòr adhbharachadh, leis an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, ag ràdh gum biodh e duilich dà sheòrsa ball-pàrlamaid a bhith ann - rud, na bheachd-san, a chuireadh an t-Aonadh ann an cunnart.

Nas fhaide air adhart air an t-seachdain, bidh Mgr Brown, os cionn deasbad mu chumhachdan a bharrachd agus esan ag ràdh nach bu chòir dàil sam bith a bhith ann mus tig cumhachdan do dh'Alba.