Crainn-ghaoithe gan diùltadh an Uibhist

  • 10 An Dàmhair 2014
Crann-gaoithe
Image caption Tha an MoD draghail mu bhuaidh nan crann-gaoithe air an radar aca.

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead do chòig crainn-ghaoithe aig diofar àitichean ann an Uibhist.

Bha planaichean airson dà chrann-gaoithe coimhearsnachd ann an Uibhist a Tuath a bharrachd air dhà eile aig Bòrnais ann an Uibhist a Deas, agus an còigeamh fear faisg air taigh-òsta an Eilein Duirche ann am Beinn nam Fadhla air cead fhaighinn, neo a' coimhead coltach gum faigheadh iad cead bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Ach chuir Ministreachd an Dìon (MoD) gearain a-steach gum faodadh iad an radar aca a chur ceàrr aig Raon nan Rocaidean ann an Gèirinis.

Le sin chaidh iarratasan gu Riagahltas na h-Alba airson meòrachadh a bharrachd agus tha ministearan a-niste air a dhol le toabh Ministreachd an Dìon.

Chàin ceannard Comhairle nan Eilan Siar Aonghas Caimbeul an dòigh sam bi an MoD dèiligeadh ris a' chùis.

Thuirt e nach eil e ceart do cheananrdan an airm casg gu h-iomlan a chur air leasachaidhean, agus tha e a' cur ìmpidh orra suidhe sìos leis a' choimhearsnachd ionadail gus mapa a chruthachadh a sheallas far am faodadh tuathan-gaoithe a bhith stèidhichte.

Ann am brath a dh'fhoillsich iad, thuirt Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath:

"Bha am pròiseact seo, a thug ceithir bliadhna faighinn chun na h-ìre seo, air buannachd airgid còrr is £200,000 gach bliadhna fad 15 bliadhna a thoirt don eilean, ag èirigh gu còrr is £450,000 anns na bliadhnaichean an dèidh sin - airgead mòr dha-rìribh a bh' air diofar uabhasach a dhèanamh do bheatha nan daoine sa choimhearsnachd againn.

"'S e breab sa bheul dha-rìribh a th' ann an seo do dh'Uibhist a Tuath, nach dèan càil gus stad a chur air crìonadh an t-sluaigh san eilean againn, nach dèan càil gus dèiligeadh ri cion-cosnaidh agus cion chothroman do ar n-òigridh, agus nach dèan càil gus beatha nan seann daoine a dhèanamh nas cofhurtaile 's nas tlachdmhoire."

Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil duilgheadasan an lùib a bhith a' cothromachadh mar a tha siostaman radar gan cleachdadh an Uibhist, agus a bhith a' brosnachadh fàs anns na h-Eileanan.

Thuirt iad gun cùm iad orra ag obair an dà chuid leis a' Chomhairle agus leis an MoD feuch cothroman eile anns na h-Eileanan a thoirt gu buil.