Bann-leathann nan Eilean ga leasachadh

  • 9 An Dàmhair 2014
Fibre optic (EyeWire, Inc) Image copyright Other
Image caption Tha gnìomhachasan an Leòdhas air gearan mu cho slaodach 's a tha am bann-leathann aca.

Tha obair ga dhèanamh airson leasachadh a thoirt air prìomh ionad fòn Steòrnabhaigh ann an oidhirp piseach a thoirt air a' bhann-leathann san sgìre.

Nochd gearainean às ùr bho chionn ghoirid gur ann nas miosa a bha an t-seirbheis a' dol.

Tha cuid de ghnìomhachasan ag ràdh gu bheil am bann-leathann air fàs cho slaodach is gu bheil e a' toirt droch bhuaidh air an obair aca.

Thuirt Cè Moireasdan, a tha a' ruith an 'Wee Studio' ann an Steòrnabhagh, gun robh an t-seirbheis "gun fheum" bhon Òg-Mhìos agus gur ann air èiginn a fhuair e air an eadar-lìon a chleachdadh idir.

Dh'innis Mgr Moireasdan gun robh an suidheachadh air bacadh a chur air an obair aige is gun robh daoine eile air feadh Leòdhais air gearain cuideachd.

Trioblaid

Dh'aidich BT gu bheil trioblaid ann.

"Tha sinn mothachail gu bheil am bann-leathann nas slaodaiche na an abhàist do ghrunn dhaoine agus tha sinn duilich mun bhacadh a chuir sin orra", thuirt a' bhuidheann.

"Mar thoradh air sin, tha sinn a' dèanamh obair-einsinniridh ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo a nì am bann-leathann nas luaithe.

"Air a' cheann thall, nì sinn obair a bharrachd aig na h-ionadan againn ann an Steòrnabhagh, air a' Bhac agus ann an Crosabost a bheir piseach air a' bhann-leathainn air feadh nan Eilean", thuirt BT.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile