HMS Timbertown
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgeulachd HMS Timbertown

9 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceud bliadhna bhon diugh, bha cùisean a' coimhead gu math dubhlach do dh'fheachdan Bhreatainn agus a' Chaidreachais sa Bheilg.

Bha na Gearmailtich an ìmpis baile Antwerp a' ghabhail thairis. 's bha saighdearan Breatannach agus Beilgeach a' teicheadh às na trainnsichean.

B' e seo toiseach sgeulachd inntinneach mu 1,500 Breatannach - 102 Leòdhasach nam measg - a chur seachad bliadhnaichean a' chogaidh nam prìosanaich ann an dùthaich nach robh idir a' gabhail pàirt anns an t-sabaid.

Rannsaich Angela NicIlleathain sgeulachd nan Leòdhasach airson phrògram a thèid a chraoladh air BBC ALBA.

Thèid HMS Timbertown a chraoladh air BBC ALBA air Diardaoin an 9mh là den Dàmhair aig 9f. Bidh e cuideachd ri fhaighinn air iPlayer a' BhBC.