Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Scotrail

Chaidh fhoillseachadh gur e a' chompanaidh Duitseach, Abellio, a bhios a' ruith seirbheisean rèile na h-Alba. Dhearbh Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, gun gabh iad thairis bho First Group, a tha stèidhichte ann an Obar Dheathain, anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna. Mairidh an cùmhnant, a bhios luach suas ri £6bn, airson 10 bliadhna. Bidh Abellio a' ruith Scotrail o oifisean ann an Glaschu. Tha iad a' gealltainn rudan mar trèanaichean nas luaithe, le barrachd suidheachain, agus Wi-Fi saor an-asgaidh air a h-uile seirbheis rèile.

Soitheach bathair

Tha soitheach bathair a chaill cumhachd far costa Ghallaibh a-raoir ga tarraing gu Linne Chrombaigh. Chaidh a dhearbhadh gun robh am Parida a' giùlain sgudail rèidio-beò à Dùn Rath dhan a' Bheilg an uair a thòisich teine air bòrd. Chaidh còrr is 50 luchd-obrach a thogail far clàr-ola Beatrice air eagal 's gum bualadh am bàta a-steach ann.

Tuiltean

Tha tuiltean ag adhbharachadh dhuilgheadasan anns a' Cheann a Tuath an-diugh, gu h-àraidh air an A96 agus air an A9, agus cuideachd air rathaidean timcheall air Inbhir Nis. Dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil ceithir sgoiltean dùinte - Bun-sgoil Bhaile an Locha air iomall Inbhir Nis, Bun-sgoil Abhach air an Eilean Dubh agus tha Bun-sgoil Bhaile a' Ghobhainn air iomall Inbhir Nis air a bhith dùinte fad na maidne, ach bu chòir gum fosgail i uair sam bith tuilleadh. Tha Acadamaidh Allt na Muilne gu bhith dùinte fad an là.

Agus na rathaidean a tha dùinte ann an Inbhir Nis - tha Rathad Barn Church, Rathad Balloan, Rathad Diriebught agus Rathad Chùil Lodair. Tha Rathad Bhaile a' Ghobhainn agus Rathad Mhoireibh cuideachd dùinte.

Teine

Tha e air a thighinn am bàrr gun deach pàirt den chruthadair cumhachd niuclasach aig ionad Dhùn Rath na theine madainn an-dè. Thòisich an teine ann an tanca sodium, ach thuirt a' chompanaidh a tha an sàs ann a bhith a' toirt an ionad a-mach à seirbheis gun deach aig an luchd-smàlaidh air a mhùthchadh an taobh a-staigh leth uair a thìde. Chaidh stad a chur air a bhith faighinn caoidhteas an còrr den t-sodium fhad 's a tha rannsachadh ga dhèanamh air dè a dh'adhbharaich an teine.

Ebola

Thuirt am banaltram Spàinnteach a chaidh a gannrachadh le Ebola gun do lean i riaghailtean sàbhailteachd nuair a bha i a' dèanamh cobhair air euslaintich a bha a' fulang leis a' ghalair, agus nach eil fhios aice ciamar a thàinig e oirre. 'S i Theresa Romero a' chiad neach taobh a-muigh Afraga an Iar a chaidh a ghannrachadh le Ebola. Chaidh dithis eile a chaidh a thoirt a-steach dhan ospadal san Spàinn, air eagal 's gun robh iad air an galair a ghabhail, a leigeil ma sgaoil.