Teine air bàta rèidio-beò

  • 8 An Dàmhair 2014
Cala nan Clach Image copyright Jim Smith
Image caption Chaill an soitheach cumhachd agus droch gheile a' bualadh air a' chosta an ear.

Tha soitheach a tha a' giùlain sgudail rèidio-beò agus a bh' air cumhachd a chall, agus i gun stiùir ann an Linne Mhoireibh, a-niste air àcair ann an Linne Chrombaigh.

Bha am Parida, sa bheil 101 meatair de dh'fhaid, a' toirt cargo de sgudal choncreat rèidio-beò bho Scrabasdail ann an Gallaibh, gu ruige Antwerpen sa Bheilg nuair a thòisich teine ann am fear den dà fhuineall aice.

Chaidh an teine a smàladh, agus thathas a' tuigsinn nach eil an criutha ann an cunnart.

Chaidh fios air na Maoir-Chladaich mu 08:00m Dimàirt.

Chaidh 52 de luchd-obrach a thoirt far Chlàr-ola Bheatrice, air eagal 's gum bualadh an soitheach ann.

Chaidh bàta-slaodaidh a ghairm aig 10:00f oidhche Mhàirt, agus ràinig i an soitheach mu chòig uairean an dèidh sin, 's i mu 20 mìle mara an ear-dheas air Inbhir Ùige.