Sgoil Bhàgh a' Chaisteil air a milleadh

  • 6 An Dàmhair 2014
Clas
Image caption Thathas an dòchas gum fosgail Sgoil Bhàgh a' Chaisteil Diciadain.

Ged a tha an aimsir air socrachadh bho mhadainn, chaidh dàil air mòran luchd-siubhail tron là - aig muir agus air tìr.

Bha aiseagan an dara cuid dheth neo fadalach, bha drochaid an Eilein Sgitheanaich dùinte bho 4.00m, agus chaidh milleadh a dhèanamh air Sgoil Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Droch shìde

Chan e rud ùr a th' ann an droch shìde air a' Ghaidhealtachd agus sna h-Eileanan, ach às dèidh deagh aimsir an t-Samhraidh, cha b' ann buileach cho càilear sin a bha i oidhche na Sàbaid agus Diluain.

Ged a tha an aimsir air socrachadh sa chuid as motha de dh'àiteachan, le bàtaichean-aiseig a' ruith a-rithist, tha seirbhisean eadar Steòrnabhaigh is Ulapul agus eadar na Hearadh, Uibhist is Ùig uile dhà no trì uairean de thìde air dheireadh.

Chan b' ann aig muir a-mhàin a bha an trioblaid, le faisg air 200 càr a' feitheamh aig Drochaid an Eilein Sgitheanaich.

Bha an drochaid dùinte gu meadhan-là, rud nach do thachair ach dà thuras eile bho dh'fhosgail i.

Gu tuath, bha Drochaid Dhòrnaich cuideachd dùinte dha carbadan àrda.

Sgoil Bhàgh a' Chaisteil

Ann am Barraigh cha b' e a' ghaoth, ach an t-uisge a thàinig còmhla ris, a bha na thrioblaid, le tuiltean a' dùnadh do Sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Dh'àrdaich allt a tha a' ruith ri taobh na sgoile; rinn sin milleadh air an togalaich agus chaidh an sgoil a dhùnadh.

Bha an cron gu h-àraidh follaiseach sa chlas ciùil, far an deach ionnsramaidean ciùil am milleadh.

Thathas an dòchas gum fosgail an sgoil air fad a-rithist Diciadain.