Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Troimh-a-chèile

Tha na h-uimhir de throimh-a-chèile an-diugh air na h-aiseagan, air na drochaidean is eile. Thathas ag iarraidh air daoine a bhith gu math faiceallach air na rathaidean agus aithrisean ann gu bheil iad gu h-àraidh dona ann an Uibhist.

Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich dùinte uile gu lèir an-dràsta - rud nach eil air tachairt ach dà thuras eile bho dh'fhosgail i. Tha carbadan àirde air an toirmeasg bho Dhrochaid Dhòrnaich. Tha bun-sgoil agus àrd-sgoil Bhàgh a' Chaisteil dùinte an-diugh.

Agus tha mòran aiseagan an dàrna cuid fo dhàil, neo fo chunnart gun tèid dàil a chur orra. Tha am fiosrachadh iomlan air làrach-lìn ChalMac. Ach tha CalMac air leigeil fhaicinn gun seòl a' Hebrides à Loch nam Madadh aig 2.00f an-diugh agus an aimsir a' tighinn air adhart - bidh i a' falbh eadar Ùig agus Loch nan Madadh. Agus tha dàil fhathast air an Isle of Lewis a bha còir a bhith seòladh bho chionn cairteal na h-uarach a-mach à Ulapuil.

Hunterston B

Chaidh sgàinnidhean fhaighinn anns na breigichean dha bheil fear dha na cruthadairean aig ionad niuclasach Hunterston B air a dhèanamh. Tha EDF Energy, leis a bheil an stèisean dealain ann an Siorrachd Àir, ag ràdh gun deach a lorg tro sgrùdadh àbhaisteach, ach nach eil cunnart sam bith na chois.

Co-labhairt nan Lib-Deamach

Aig Co-labhairt nan Lib-Deamach, tha dùil gum foillsich Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, planaichean airson Not san uair a thìde a chur ris a' bhun-tuarastail do dhaoine a tha ag ionnsachadh ceàird. Tha taic aig a' mholadh bho na Tòraidhean, a th' anns a' cho-bhanntachd. Tha dùil cuideachd gun cuir e dìon air buannachdan na h-in-imreachd, agus e ag ràdh gu bheil dleastanas air na Lib-Deamaich a bhith nan guth "ciallach" air a' chùis.

Càball

Iarraidh Ministear Cumhachd na h-Alba air Riaghaltas Westminster sgeama taic airson companaidhean cumhachd a leudachadh, gus cabhag a chur ann a bhith a' cur càballan dealain eadar na h-Eileanan 's Tìr-Mòr. Tha an siostam a th' ann an-dràsta airson companaidhean a bhrosnachadh a' tighinn gu ceann ann an 2019. Tha Fearghas Ewing a' sireadh barrantas eile airson an ùine fhada.

Duaisean Nobel

Tha seusan Duaisean Nobel air tòiseachadh. 'S e an duais mheidigeach a' chiad fhear a tha ga thoirt seachad. Thathas dìreach air leigeil fhaicinn gu bheil e air a roinn am-bliadhna eadar rannsaiche Breatannach Aimeireaganach agus cupall à Nirribhidh. Tha Iain O'Keefe ga fhaighinn còmhla ri Evard I. Moser agus May-Britt Moser. Dhearbh iad sgìre san eanchainn - coltach ri GPS - a tha a' leigeil fhaicinn dhuinn càite a bheil sinn.

Shrien Dewani

Tha fear-gnìomhachais à Bristol air a dhol às àicheadh gun do phàigh e triùir fhireannach airson a' bhean aige a mhurt, fhad 's a bha iad air mìos nam pòg ann an Afraga a Deas. Chuir Shrien Dewani tagradh foirmeil de neo-chionnt an sàs aig a' chùirt ann an Cape Town. Chaidh a bhean aige, Anni Dewani, a mharbhadh ann an ionnsaigh ghunna sa bhaile ann an 2010. Chuir Mgr Dewani an aghaidh oidhirpean a chur a dh'Afraga a' Deas airson na cùis-lagha, air adhbharan slàinte inntinn.