Ìmpidh mu Chàball a' Chuain Sgìth

  • 6 An Dàmhair 2014

Tha Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, a' cur ìmpidh air Westminter barrantas a thoirt seachad san ùine fhada do chompanaidhean cumhachd sna h-Eileanan an Iar ann an oidhirp gluasad air adhart leis na planaichean 'son càball dealain a chur eadar na h-eileanan agus Tìr Mòr.

Tha an t-siostam a th' ann an-dràsta gus brosnachadh a thoirt do chompanaidhean a' tighinn gu crìch ann an 2019, agus tha Mgr Ewing ag iarraidh gun tèid gealltanasan a thoirt seachad às ùir.

Air an t-seachdain seo chaidh tharraing companaidh a bha airson tuath-gaoithe mòr a thogail ann an Leòdhas a-mach às a' phròiseact, 's iad ag ràdh gur e a' mhì-cinnt mu chàball dealain ùr gu Tìr-Mòr as coireach.

Bha a' chompanaidh Fhraingeach GDF Suez air cùlaibh plana gus 39 crainn-ghaoithe a thogail ann an ceann a deas nan Loch.

Tuilleadh air an sgeulachd seo