Dòchas mu chidhe Àird Mhèanais

  • 3 An Dàmhair 2014
Bàt-iasgaich
Image caption Bha duilgheadas leis a' chreig a' cur maill air an obair.

Thathas dòchasach gun tèid leasachadh chidhe Àird Mhèanais ann am Barraigh a chrìochnachadh an ceann dhà neo thrì mhìosan.

Sin a rèir a' Chomhairliche Bharraich, Dòmhnall Manford, a bha a' bruidhinn às dèidh coinneimh comhairle far an deach aontachadh an cidhe a chrìochnachadh.

Bha dàil air a bhith ann roimhe nuair a nochd trioblaidean ris nach robh dùil san togail fhèin.

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh ùine mhòir," thuirt Mgr Manford.

"Tha iomadh bliadhna on a bhathar a' sireadh airson seo a dhèanamh.

"Ach co-dhiù, nuair a thòisich e aig toiseach na bliadhna thàinig iad tarsainn duilgheadasan ann an creig.

"Bha iad a' gearradh sìos tron chreig, agus far nach robh dùil aca thàinig iad tarsainn air poll.

Sàbhailteachd

"Tha a-niste an obair deiseil gu tòiseachadh a-rithist.

"Thathar an dòchas gum bi e suas ri dhà no ma dh'fhaoidte trì mìos, nuair a bhios an cidhe gu ìre mhòir a' tighinn gu crìch, agus deiseil airson ùsaideachadh.

"Thòisich an duilgheadas iomadh bliadhna air ais, seach gu h-àraid an rud a sheall e suas cho lag 's a bha an cala a th' ann ann an droch shìde, 's e ann an 2005, far an tàinig an geile grannda dona a bh' againn, agus a rinn uiread de thubaist agus de chron air na h-eileanan againn.

"Chaidh an uair sin eathraichean a chall. Bha sinn gu math fortanach nach deach barrachd call a dhèanamh.

"Ach a h-uile geamhradh tha dragh air na h-iasgairean nuair a thig an t-sìde dhona, nach eil an cala a th' ann comasach air a bhith a' cumail nam bàtaichean sàbhailte.

"Tha sinn air a bhith fortanach ann am Barraigh gu bheil deagh bhàtaichean iasgaich againn, agus gum feum sinn dèanamh cinnteach gu bheil cala sàbhailte ann airson a bhith gan gleidheadh sa Gheamhradh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile