Àireamh de thraoin ann an Alba air àrdachadh

  • 3 An Dàmhair 2014
Traon Image copyright Andy Hay/RSPB Images
Image caption Tha an àireamh de thraoin ann an Alba aig an ìre as àirde ann an co-dhiù 45 bliadhna, a rèir Chomann Rìoghail Dìon nan Eun.

Tha luchd-glèidhteachais a' dèanamh gàirdeachais agus an àireamh de thraoin ann an Alba air a dhol suas a-rithist.

Bha dragh mòr mun eun seo an-uiridh nuair a chaidh an àireamh sìos mun cheathramh cuid, a dh'aindeoin bhliadhnaichean de dh'iomairt airson dòighean-obrach fearainn a bha fàbharach dhaibh a chumail a' dol.

'S ann mu mheud calmain, ach le casan fada is gairm sònraichte a tha an traon, agus i an seo tron t-Samhradh.

A rèir cuid, tha na milleanan aca anns an Ruis, ach air taobh an iar na Roinn Eòrpa dh'fhàs iad gann.

Àrdachadh

Cha robh tuathanaich a' buain no a' gearradh an fheòir cho anmoch 's a b' àbhaist agus dh'fhàg sin nach do mhair iad ach ann an sgìrean iomallach samhail na h-eileanan.

Thòisich pròiseact o chionn còrr is 20 bliadhna gus tuathanaich agus croitearan a chuideachadh obair na talmhainn a dhèanamh air dhòigh a chuidicheadh na traoin.

Am-bliadhna, tha an cunntas àbhaisteach a rinn Comann Rìoghail Dìon nan Eun, an RSPB, a' dearbhadh gun robh 1,289 eun fireann a' gairm eadar an Cèitean agus an t-Iuchar.

Chan e a-mhàin gu bheil sin a' cur às dhan chall a chunnaiceas san àireamh aca an-uiridh, ach tha am figear sin air an tè as fheàrr ann an co-dhiù 45 bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile