£400,000 dha Taigh-dhealbh Chinn Loch

  • 2 An Dàmhair 2014
Taigh-dhealbh Chinn Loch Chille Chiarain Image copyright PAUL FARMER / GEOGRAPH
Image caption Dh'fhosgail an taigh-dhealbh ann an 1913.

Chaidh taic-airgid de £400,000 fhoillseachadh dha Taigh-dhealbh Chinn Loch ann an Cinn Tìre.

'S ann bho Alba Chruthachail a tha an t-airgead a' tighinn.

Dh'fhosgail an taigh-dhealbh art deco, aig a bheil inbhe dìon A, ann an 1913 agus tha e am measg nan taighean-dealbh as sine san Roinn Eòrpa.

Dhùin e san Lùnastal ge-tà, 's a' chompanaidh coimhearsnachd a tha ga stiùireadh ag ràdh gu bheil feum air leasachadh mòr a dhèanamh air.

Thuirt iad gun robh iad a' cur romhpa fhèin mu £3m a thogail agus an taigh-dhealbh fhosgladh às ùr ann an 2016.

Fo na planaichean, bhiodh dàrna sgrìon ann agus café is foyer ùr.

Thèid an t-airgead bho Alba Chruthachail a chosg air an leasachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile