"Tuilleadh eas-aonta" ri linn mhinistearan gèidh

  • 2 An Dàmhair 2014
Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Dh'fhàg mòr-chuid de choithional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh ri linn na cùise.

Bidh barrachd eas-aonta ann an Eaglais na h-Alba ma bhios ministearan ann an càirdeasan gèidh air an ceadachadh anns an eaglais.

Sin teachdaireachd Chlèir Leòdhais na h-eaglaise, a bhòt gu h-aona-ghuthach an aghaidh moladh bho Àrd-Sheanadh na h-eaglaise a bhiodh air leigeil dha daoine bh' ann an càirdeasan aon-ghnèitheach a bhith nam ministearan.

Tha Achd a' Bhacaidh a' ciallachadh gum feum càil air am bhòt Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba a dhol gu na clèirean, nan atharraicheadh e lagh na h-eaglaise.

Thuirt Clèir Leòdhais gun adhbhraicheadh am moladh tuilleadh eas-aonta san eaglais, agus gum fàgadh e buill na h-eaglaise a bha a' stèidheachadh an creideimh air a' Bhìoball a' faireachdainn nach robhas ag èisteachd rim beachdan ann an Eaglais na h-Alba.

Dh'fhàg mòr-chuid de choithional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh an eaglais air sgàth deasbad mu mhinistearan gèidh san eaglais na bu tràithe am-bliadhna.

Bidh fhios mu mar a bhòt clèirean Eaglais na h-Alba air fad às dèidh na Bliadhna Ùire.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile