Eaglais Shaor a' gabhail ri tagraidhean

  • 2 An Dàmhair 2014
Eaglais Shaor na h-Alba
Image caption Aig coinneamh ann an Dun Èideann, chuir an coimisean fàilte air dà choithional a thàinig thuca bho Eaglais na h-Alba ann an Steòrnabhagh agus an Tairbeart sna Hearadh.

Ghabh Coimisean Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ri tagradh bho dhithis mhinistearan air Taobh Siar Rois gluasad chun na h-eaglaise 's iad air Eaglais na h-Alba fhàgail ri linn na connspaid mu mhinistearan gèidh.

Aig coinneimh ann an Dun Èideann oidhche Chiadain, chuir an coimisean cuideachd fàilte air dà choithional a thàinig thuca bho Eaglais na h-Alba ann an Steòrnabhagh agus an Tairbeart sna Hearadh.

Dh'innis Prìomh-Chlàirc an Àrd-Sheanaidh, an t-Urramach Seumas MacÌomhair, gun deach a' choinneamh a chumail gus beachdachadh air dà phrìomh chuspair: dithis mhinistearan a bh' air Eaglais na h-Alba fhàgail 's a bha ag iarraidh a dhol dhan Eaglais Shaoir; agus cuideachd dà choithional a bh' air dealachadh bho Eaglais na h-Alba is iadsan cuideachd ag iarraidh a dhol thuca-san.

Thuirt e gun deach gabhail ris an dithis mhinistearan gun strì sam bith.

"Tha sinne a' gabhail ri ministearan a tha ag iarraidh a thighinn a-steach thugainn à Eaglais na h-Alba, no àite sam bith eile. Tha fios againn cho duilich 's a tha a' chùis dhaibh agus, an dealachadh sin a bh' aca, gun robh e duilich dhaibh pèin cuideachd.

"Tha sinn toilichte gur ann thugainn a bha iad ag iarraidh a thighinn seach gu bheil iad nam ministearan soisgeulach. Tha sinn an dòchas gum bi iad a' faighinn àite dhaibh pèin a dh'aithghearr, ann an coithional, agus tha mi a' smaoineachadh gum bi iad nan cuideachadh mòr dhan an adhbhar anns an Eaglais Shaoir," thuirt an t-Urr. MacÌomhair.

Coithionalan

B' iad na h-aon bheachdan a nochd a thaobh nan coithionalan às na h-eileanan a th' air co-dhùnadh Eaglais na h-Alba fhàgail.

Image copyright Richard Dorrell / Geograph
Image caption Dh'iarr an t-Urr. Dàibhidh MacLeòid, a bha os cionn coithionail Loch Carrann, na Comraich agus Thoirbheartain, agus an t-Urr. Ruairidh MacRath, a bha na mhinistear ann an Gleann Eilge agus Cinn t-Sàile, cead a bhith nam ministearan anns an Eaglais Shaoir.

"A-rithist, tha sinn a' faireachdainn toilichte gur ann thugainn fhèin a thàinig iad, an àite a bhith a' cur air chois eaglais ùr, no coithional às ùr," thuirt e.

Thuirt e gu bheil coithionalan Steòrnabhaigh agus an Tairbeart a' dol a chruinneachadh an t-airgead a tha a dhìth orra gus ministearan fhaighinn dhaibh pèin, 's gum feumar feuchainn ri cuideachadh a thoirt dhaibh gus am biodh sin aca cho luath 's a ghabhas.

Dhearbh Mgr MacÌomhair gu bheil luchd nan coithionalan a tha mar-thà san Eaglais Shaoir toilichte gu bheil samhail nan coithionalan agus na ministearan seo a' tighinn a-steach dhan eaglais.

Thuirt e gu bheilear a' smaoineachadh gur e neartachadh a th' ann dhan Eaglais Shaoir, gu sònraichte ann an àiteachan far a bheil coithionalan nas lugha aig an àm seo.

"A h-uile duine ris an robh mise a' bruidhinn co-dhiù, bha iad toilichte leis a' chùis, 's cha robh iad idir a' gabhail ris gun robh càil ceàrr mu dheidhinn, no gum biodh e ceàrr dhuinne an gabhail.

"Tha sinn an dòchas gum faigh iad dachaigh còmhla rinn fhèin anns am bi iad a' faireachdainn gum buin iad dhuinn, agus gum biodh sìth a' riaghladh anns gach coithional a th' ann an sin," thuirt an t-Urr. MacÌomhair.

Modaràtair

Cuideachd aig a' choinneimh, chaidh an t-Urramach Dàibhidh Robasdan ainmeachadh mar Mhodaràtair na h-ath-bhliadhna.

Tha an t-Urr. Robasdan an-dràsta stèidhichte ann an Dùn Dèagh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile