Dragh ùr mu dhùnadh chùirtean

  • 1 An Dàmhair 2014
Cùirt an t-Siorraim, Inbhir Nis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thuirt Seirbheis Chùirtean na h-Alba gun tàinig piseach air cùisean an Inbhir Nis.

Cha deach aig Cùirt an t-Sioraim ann an Inbhir Nis air targaidean ama ann an 40% de chùisean, a rèir nan Tòraidhean.

Tha rannsachadh a rinn am Pàrtaidh Tòraidheach a' sealltainn gun robh maill air a bhith a' gluasad bho rabhadh no casaid gu breith, rud a bu chòir a bhith a' tachairt taobh a-staigh 26 seachdainnean.

Thuirt Màiri Scanlon BPA gun robh dragh oirre gur ann am miosad a dheadh cùisean ma thèid Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Pheofharain a dhùnadh mar a tha dùil san Fhaoilleach.

Thuirt Seirbheis Chùirtean na h-Alba gun robh figearan an Iuchair air a bhith na b'fheàrr na figearan na h-Ògmhios.

Ceartas

Thuirt iad gun do choilean 72.7% de chùisean cùirte siorraim, agus 92% de chùisean mhaor-ceartais an targaid.

Thuirt Tòraidhean na h-Alba anns an Ògmhios gun robh 60.2% de chùisean a' gluasad bho rabhadh no casaid gu breith taobh a-staigh 26 seachdainnean, sìos bho 65% sa Chèitean.

Thuirt am pàrtaidh cuideachd gun robh aig a' Chùirt ri dèiligeadh ri na bu lugha de chùisean sumaraidh san Ògmhios - 98, an taca ri 137 sa Chèitean.

"Le Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Pheofharain gu bhith air a dùnadh, dh'fhaodadh gun tèid a' mhaill seo air ceartas am miosad," thuirt Màiri Scanlon.

"'S e an dragh dha-rìribh, teaghlaichean, càirdean agus daoine a dh'fhulaing eucoir, agus a tha ag iarraidh gun tèid ceartas a thoirt seachad gu sgiobalta agus gu h-èifeachdach, gus an cuideachadh ann a bhith a' gluasad air adhart bhon dòrainn tro an deach iad."

Thug Riaghaltas na h-Alba cead an-uiridh do phlanaichean gus deich cùirtean siorraim ann an Alba a dhùnadh gus airgead a chùmhnadh.

'S iad Seirbheis Chùirtean na h-Alba a mhol na h-atharrachaidhean, fo an deadh cuideachd seachd cùirtean maoir-cheartais a dhùnadh, le an cuid obrach ga gluasad gu cùirtean eile.

Bhiodh na bu lugha de chùirtean a chluinneas cùisean siorraim is diùraidh air feadh na h-Alba cuideachd.

Bi na h-atharraichean deiseil ron Fhaoilleach an ath-bhliadhna.

Ann am brath a dh'fhoillsich Seirbheis Chùirtean na h-Alba, thuirt iad: "Rinn sinn gu math soilleir e, nach tèid ach 5% de dh'obair nan cùirtean gu lèir a sgaoileadh ri linn nan dùnaidhean seo air feadh na h-Alba, gun lùghdachadh sam bith a' tighinn air na th' ann de luchd-obrach cùirte.

"Tha piseach air tighinn air na tha de chùisean a' gluasad bho rabhadh is casaid gu breith taobh a-staigh 26 seachdainnean aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis, agus Cùirt Mhaoir-Cheartais Inbhir Nis bhon Iuchar 2014, agus sin a-nis aig 72.7%, agus 92% an urra."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile