Sgioba na h-Alba ga fhoillseachadh

  • 1 An Dàmhair 2014
Fionnlagh MacRath Image copyright Neil G Paterson
Image caption Fionnlagh MacRath a' cluich do dh'Alba an-uiridh

Dh'fhoillsich Comann na Camanachd a' bhuidheann de chluicheadairean a thèid an aghaidh sgioba na h-Èireann ann an geamaichean eadar-nàiseanta na bliadhna seo.

Tha triùir air àite fhaighinn sa bhuidhinn 'son a' chiad uair, Steafan Moireasdan bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich, Lorne MacAoidh à Lobhat is Calum Miller bho Chaol Bhòid.

Bha seusan air leth aig a' Mhoireasdanach aig a' chùl dha na Sgitheanaich.

Tha àite sa bhuidhinn cuideachd do Gary Innes, ged a chaill e grunn de gheamaichean a' Ghearasdain tron t-seusan is e trang leis an obair aige mar fhear-chiùil.

Tillidh Pòl MacArtair aig Bail' Ùr an t-Slèibh dhan bhuidhinn is iomadh bliadhna de dh'eòlas aige.

"Tha mi air mo dhòigh leis an sguad a th' againn am-bliadhna", thuirt coidse na h-Alba, Raghnal Ros.

"Sgileil is luath"

"Tha buidheann againn an seo a tha sgileil is luath is tha mi misneachail gum faigh sinn geamaichean glè mhath is gun dèan na balaich an dìcheall gus an t-streath a bhuannachadh do dh'Alba 'son a' chiad turais", thuirt e.

Chaidh na geamaichean eadar-nàiseanta a leudachadh gu sreath ann an 2010 is tha na h-Èireannaich air soirbheachadh gach turas bhon uair sin.

B' ann an 2010 mu dheireadh a bhuannaich Alba fiù 's geama, ged a chaill iad an t-sreath sin.

'S ann aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis a bhios a' chiad gheama am-bliadhna, Disathairne an 18mh den Damhair aig 2:00f. Bidh an geama sin ri fhaicinn cuideachd air BBC2 Scotland is TG4.

Bidh an dàrna geama aig Páirc Esler san Iúr ann an Contae an Dúin Disathairne an 25mh den Damhair aig 5:00f is bidh e ri fhaicinn cuideachd air BBC Alba is TG4.

Air an dearbh là sin san Iúr cluichidh boireannaich na h-Alba an aghaidh sgioba thaghte Chontae an Dúin aig 1:00f.

Cluichidh an uair sin na fìr òga às Alba is Èirinn an aghaidh a chèile sa gheama fo 21 aig 3:00f.

Tha buidheann na h-Alba air fad mar a leanas;

Iain Barr (Gleann Urchadain)

Caoimhinn Bartlett (Lòbhat)

Conor Cormack (A' Mhanachainn)

Callum Cruden (Lòbhat)

Gary Innes (An Gearasdan)

Grant Irvine (Caol Bhòid)

Pòl MacArtair (Bail' Ùr an t-Slèibh)

Iain Dòmhnallach (Baile a' Chaolais)

Ruairidh Dòmhnallach (Caol Bhòid)

Steafan Dòmhnallach (Bail' Ùr an t-Slèibh)

Stìubhart Dòmhnallach (Lòbhat)

Lorne MacAoidh (Lòbhat)

Friseal Mac an Tòisich (Bail' Ùr an t-Slèibh)

Fionnlagh MacRath (Ceann Loch Seile)

Iain MacRath (Ceann Loch Seile)

Calum Miller (Caol Bhòid)

Steafan Moireasdan (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Louis Rothach (Ceann a' Ghiuthsaich)

Shaun MacNeacail (Loch Abar)

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile