Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòraidhean

Dh'innis am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, dha na Tòraidhean na h-Alba gu bheil fìor chothrom aca brath a ghabhail air a' bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba le tuilleadh bhuill-phàrlamaid Tòraidh a thilleadh a Westminster aig an Taghadh Choitcheann an-ath-bhliadhna. Thuirt Mgr Camshron gu bheil e fada nas cudromaiche dhasan Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte na tha ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach.

Ceannarc

Bheir Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, fiosrachadh do cho-labhairt nan Tòraidh ann am Birmingham an-diugh mu na planaichean ùra airson dèiligeadh ri ceannairc radaigeach. Bidh na molaidhean, a bhios ann am manifesto Tòraidheach, a' toirt cead dhan Riaghaltas casg a chur air buidheann sam bith a tha ri gràin-cinnidh.

Teine

Chur luchd-smàlaidh stad air teine sa mhadainn an-diugh aig gàrradh fiodha BSW Timber anns a' Chorpaich faisg air a' Ghearasdan. Chaidh dà inneal smalaidh às a' Ghearasdan dhan làraich trath sa mhadainn far an do chuir iad às teine a bha air tòiseachadh ann an uidheamachd a tha a' pronnadh fiodha.

Uisge

Chuir muinntir Uibhist a Deas fàilte air an naidheachd gun cosg Uisge na h-Alba faisg air £7m a' leasachadh siostam uisge na sgìre. Seo pàirt de leasachadh air feadh na dùthcha air an cosg Uisge na h-Alba £3.5b not thairis air sia bliadhna. Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionghuin, gu bheil mòran de shiostam uisge na sgìre gu math seann agus feumach air a leasachadh.

Eisirean

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach cead a thoirt do phròiseact chonnspaideach a bheireadh leudachadh agus leasachadh air tuathanas-eisir ann an Loch Abar. Tha a' chompanaidh Measan na Mara ag iarraidh 16,000 frèim a chur air bruaichean Loch Mhùideart - far am biodh iad ag àrach còrr 's 200 tunna de dh'eisirean.