Meirle an Inbhir Nis

  • 30 An t-Sultain 2014
Poilis

Tha na poilis air rannsachadh a thòisicheadh às dèidh meirle aig bùth-gheall ann an Inbhir Nis oidhche Luain.

Chaidh fear le clogaid motair-baidhsagail air a-steach do bhùth Ladbrokes air Rathad Bhaile an Loin ann am Baile a' Chnuic mu 9.20f is dh'iarr e airgead bho neach-obrach.

Thathas a' tuigsinn gun do theich an duine an uair sin air baidhsagal le còrr is £1000.

Ged a bha an neach-obrach troimhe-chèile, cha deach an goirteachadh.

Thuirt na poilis gu bheil iad airson bruidhinn ri duine sam bith a bha san sgìre aig an àm.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile