Losgadair Inbhir Ghordain sa chùirt

  • 29 An t-Sultain 2014
Inbhir Ghòrdain Image copyright Jude Dobson / Geograph
Image caption Tha e coltach gu bheil gu leòr ann an Inbhir Ghòrdain nach cuireadh fàilte air losgadair-sgudail sa bhaile.

Thèid planaichean gus losgadair-sgudail a thogail ann an Inbhir Ghòrdain gu Prìomh Chùirt Bhreatainn.

Tha na planaichean aig a' chompanaidh Combined Heat and Power air a bhith connspaideach bho thùs.

Bhiodh an losgadair a' losgadh sgudail agus a' cruthachadh cumhachd.

A rèir an fheadhainn a tha ag iomairt na aghaidh, ge-tà, bhiodh an leasachadh na chunnart dhan àrainneachd agus do shlàinte an t-sluaigh.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh an iarrtais ann an 2009.

Air a' cheann thall, ge-tà, thug Fear-aithris Dealbhachaidh aig Riaghaltas na h-Alba cead dhan leasachadh às dèidh ath-thagradh bhon chompanaidh.

Rannsachadh Poblach

Thug Oighreachdan Rois is Comhairle na Gàidhealtachd an gnothach an uair sin do Chùirt an t-Sèisein is iad ag ràdh gum bu chòir rannsachadh poblach a bhith ann.

Cha do ghabh britheamhan ris an iarrtas sin ach thuirt iad gum bu chòir coimhead às ùr ri cùmhnant a bhiodh a' leigeil leis an ionad sgudal bho thaobh a-muigh na Gàidhealtachd a losgadh.

Thuirt iad gum bu chòir dhan chùis a chur air ais dhan Fhear-aithris Dealbhachaidh gus coimhead ris a' chùmhnant sin gu sònraichte às ùr.

A-nise tha luchd-iomairt, le taic bho Mohamed Al Fayed, air innse gun toir iad a' chùis dhan Phrìomh Chùirt.

'S ann le Mgr Al Fayed a tha oighreachd Bhaile nan Gobhainn san sgìre is e gu mòr an aghaidh an leasachaidh.

Iarraidh an luchd-iomairt gun tèid na planaichean a thilgeil às buileach glan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo